Seo an Chromebook ùr agad

17
Seo an Chromebook ùr agad Cuidichidh am fiosrachadh seo thu le bhith a’ cur air dòigh a’ Chromebook ùr agad. Mur eil thu air Chromebook a chleachdadh roimhe seo, na gabh dragh, chionn cuiridh an gaisgeach digiteach agad air dòigh cùisean còmhla riut ach am faigh thu tòiseachadh. A bharrachd air sin, cuidichidh iad le bhith a’ lorg na tha a dhìth air loidhne. Mar eisimpleir: A’ cur air dòigh ceangal bhideo ach am faigh thu a bhith bruidheann ri caraidean agus luchd an teaghlaich A’ cur òrdan a-steach son biadh bho bhùth A’ cumail suas le naidheachdan agus gnothaichean làitheil Tha an Chromebook agad agus ceangal chun eadar-lìon an-asgaidh, `s mar sin a cha chosg e càil dhut a bhith ga chur gu feum. Gheibhear tuilleadh taice son an inneil agus fiosrachadh feumail eile mu thoiseach-tòiseachaidh air loidhne aig start.connecting.scot

Transcript of Seo an Chromebook ùr agad

Page 1: Seo an Chromebook ùr agad

Seo an Chromebook ùr agad Cuidichidh am fiosrachadh seo thu le bhith a’ cur air dòigh a’ Chromebook ùr agad. Mur eil thu air Chromebook a chleachdadh roimhe seo, na gabh dragh, chionn cuiridh an gaisgeach digiteach agad air dòigh cùisean còmhla riut ach am faigh thu tòiseachadh. A bharrachd air sin, cuidichidh iad le bhith a’ lorg na tha a dhìth air loidhne. Mar eisimpleir:

● A’ cur air dòigh ceangal bhideo ach am faigh thu a bhith bruidheann ri caraidean agus luchd an teaghlaich

● A’ cur òrdan a-steach son biadh bho bhùth ● A’ cumail suas le naidheachdan agus gnothaichean làitheil

Tha an Chromebook agad agus ceangal chun eadar-lìon an-asgaidh, `s mar sin a cha chosg e càil dhut a bhith ga chur gu feum.

Gheibhear tuilleadh taice son an inneil agus fiosrachadh

feumail eile mu thoiseach-tòiseachaidh air loidhne aig

start.connecting.scot

Page 2: Seo an Chromebook ùr agad

Mar a tha thu a’ cur a’ Chromebook agad air dòigh

Ceum 1 An toiseach Cuir air e. Bi cinnteach gun cleachd thu an càbla a thàinig leis agus gu bheil cumhachd an dealain agad. Bi cinnteach cuideachd gu bheil WIFI siubhail ceangailte agad. Tha sinn air stiùireadh a chur air dòigh a chuideachadh le stèidheachadh WIFI siubhail.

[Fios mun iomhaigh: grafaig de chlàr-iuchrach glas leis an t-suaicheantas dhen ghlais ann an gorm gad stiùireadh gu bhith a’ cur air a’ choimpiutar].

Page 3: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 2 Tagh cànan mar a tha a dhìth agus cliog ‘Let’s go’.

[Fios mun iomhaigh: grafaig de graphic scrìn laptop screen a tha a’ sealltainn làrach-lìn Google Chrome. Triùr bheaga ann an teis-mheadhain na duilleige. Tha ceangal ann am Beurla (Stàitean Aonaichte) ann an gorm faisg air a bhonn air an taobh chlì son cànan a thaghadh. Tha ceangal “So-ruigsinneachd” ann an gorm faisg air a’ bhonn a’ ceadachadh cothroman so-ruigsinneachd. Tha “Let’s go” ann an gorm, cliog air sin agus rach chun ath cheum.]

Page 4: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 3 Ceangal gu lìonra Wi-Fi agus cliog ‘Next’. `S e an Lìonra ainm an t-seirbheis siubhail WIFI a tha a’ tighinn leis a’ Chromebook agad. Lorgaidh tu sin air leubail air cliathaich a’ bhocsa WIFI siubhail.

[Fios mun iomhaigh: grafaig de scrìn laptop a tha a’ sealltainn “Connect to a Wi-Fi network – Ceangal ri lìonra Wi-Fi”, cliog “Next” a tha aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 5: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 4 Aontaich ri na teirmichean is cumhaichean aig Google. Cliog ‘Aontaich agus lean air adhart - Accept and continue’.

[Fios mun iomhaigh: grafaig de “Teirmichean is cumhaichean aig Google - Google terms and conditions”. Cliog “Aontaich agus lean ort - Accept and continue” a tha ann an “Gorm ” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 6: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 5 Cuir a-steach fiosrachadh cunntas Google. Mur eil cunntas Google agad, cliog air ‘More actions’ agus an uairsin ‘Create account.’

[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Sign in dhan Chromebook agad”. Cliog “Next” a tha ann an gorm “Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 7: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 6 Thèid iarraidh ort na leanas a chur a-steach: Do chiad ainm Do shloinneadh Cliog ‘Next’.

[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Cruthaich Cunntas Google - Create a Google Account”. Iarraidh e ort d’ainm a chur a-steach - “Enter your name”. Cliog “Next” a tha ann an “Gorm -Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 8: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 7 An uairsin thèid iarraidh ort seo a chur a-steach: Do cheann-latha Do Ghnè Cliog ‘Next’.

[Fios mun iomhaigh: Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Fiosrachadh bunaiteach – Basic information. Iarraidh e ort do cheann-latha agus do ghnè a chur a-steach - “Cuir a-steach d’ainm agus do Ghnè”. Cliog “Next” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 9: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 8 Thèid iarraidh ort an uairsin seòladh post-dealain a thaghadh. Tagh am fear a tha thu ag iarraidh no cruthaich fear dhut fhèin. Cuimhnich gun sgrìobh thu an seòladh son a chumail air chuimhne. An uairsin cliog ‘Next’.

[Fios mun iomhaigh: Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Tagh seòladh Gmail dhut fhèin Cliog “Next” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 10: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 9 Cruthaich facal-faire làidir. Tha facal-faire làidir na chuideachadh le bhith:

● a’ cumail fiosrachadh pearsanta tèarainte ● a’ dìon na puist-dealain agus faidhlichean agad ● a’ bacadh dhaoine eile bho fhaighinn a-steach dhan chunntas

agad Na cruthaich facal-faire a bhios furasta fhaighinn le tuaimse. Cleachd sreath de litrichean àrd agus ìosal, le samhlaichean agus àireamhan. Na cleachd facail-faire a tha cumanta, leithid 123456. Bi cinnteach gu bheil ochd caractaran aig a’ char as lugha anns an fhacal-faire cleachdaidh agad. Na cleachd aon fhacal leis fhèin ann an cànan sam bith. Leithid ball-coise. Na cleachd facal a’ tighinn bho d’ainm fhèin, ainm ball dhen teaghlaich, no ainm peata. A bharrachd air ainmean, na cleachd àireamhan fòn, seòlaidhean no cinn-latha. Cliog ‘Next’.

[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Cruthaich facal-faire làidir - Google - Create a strong password”. “cruthauch facal-faire làidir le measgachadh de litrichean, àireamhan agus suaicheantasan. Cliog “Next” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 11: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 10 Cuir a-staigh àireamh fòn. Faodaidh tu àireamh fòn a chur a-staigh ma tha thu gu bhith a’ sireadh taice a’ stèidheachadh facal-faire ùr, ma thèid e às do chuimhne.

[ Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, cuir a-steach Àireamh-fòn – Google, Add Phone Number”. Iarraidh e ort d’àireamh a chur a-staigh - “Enter your number”. Cliog “Next” a tha ann an “Gorm -Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 12: Seo an Chromebook ùr agad

Mur eil thu ag iarraidh seo, faodaidh tu gluasad gu bonn na duilleige, (cuir 2 chorrag air a’ phada-suathaidh agus tarraing sìos iad gu socair. Bu chòir gun leanadh an scrìn slighe nan corrag, sìos). Cliog ‘Skip’.

[Fios mun iomhaigh:grafaig de chlàr-iuchrach airson laptop glas le dà chorrag air a’ phada-suathaidh].

Page 13: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 11 Cha mhòr deiseil! Gabh ri teirmichean agus cumhaichean sam bith a nochdas. An uairsin roghainnean ‘Aontaich agus lean air adhart - Accept and Continue’ son syncronachadh.

[Fios mun iomghaidh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, tha thu clàraichte a-staigh/Cliog Aontaich agus lean air adhart, a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 14: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 12 Faodar stuth a cheannach ann an stòr Google App, leithid:

● apps – innealan a nì cùisean leithid ceannach, coimhead bhiodeoan agus obair-banca air loidhne nas fhasa

● geamaichean ● filmichean, no gan gabhail air mhàl ● e-leabhraichean

Cliog ‘Tuilleadh’ - ‘More’. A uairsin cliog ‘aontaich - accept’.

[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google Play and App Services. Cliog “Aontaich - Accept” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart nuair leughas tu an teacs].

Page 15: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 13 Tha Neach-cuideachaidh Google ga obrachadh le guthan dhaoine. Faodar a chleachadh a dheanamh liostaichean, son èisteachd ri na naidheachdan as ùire agus son ceòl a chluich. Son Neach-cuideachaidh Google a chleachdadh: Cliog ‘Cuir seo air - Turn on’. Air an agh scrìn, buail ‘lean air adhart - continue’. An uairsin air an ath scrìn cliog ‘cuir dheth seo - turn off’.

[Fios mun iomhaigh: grafaig de dhuilleag-làraich “Google, Your Google Assistant”. Faighnichidh e a bheil thu ag iarraidh cuideachaidh. Cliog “Cuir air seo – Turn On” a tha ann an “Gorm - Blue” aig a’ bhonn anns an oisean air an taobh cheart].

Page 16: Seo an Chromebook ùr agad

Ceum 14 Tha thu nis deiseil airson an eadar-lìn a shiubhal. Cliog air Google Chrome airson Google Chrome a thòiseachadh. `S e brabhsair-lìn a th’ann an Google Chrome. `S e seo a tha thu a’ cleachdadh airson a bhith a’ cnuasachd fiosrachaidh air an eadar-lìon.

[Fios mun iomhaigh: grafaig de bhrabhsair-lìn “Ciamar a tha thu Rachel - Howdy, Rachel”].

Page 17: Seo an Chromebook ùr agad

Tèarainteachd air loidhne Tha e cudromach fios a bhith agad ciamar a tha gad chumail fhèin sàbhailte air loidhne. Seo cuid de na rudan as urrainn dhut a bhith a’ dèanamh airson a bhith a’ ceannach gu sàbhailte air loidhne.

● na sgaoil fiosrachadh banca no cairtean-airgid mur deach sealltainn dhut mar a tha thu a’ ceannach gu sàbhailte air loidhne.

● na sgaoil fiosrachadh pearsanta sam bith, leithid ainm no

seòladh, gu daoine nach aithne dhut. Ma tha thu eòlach air daoine, bu chòir gum biodh am fiosrachadh sin aca.

● na sgaoil facail-faire idir. Tha iad mar iuchraichean gu dorais

an taighe. Ma bheir thu seachad iad faodar an cleachdadh son an fhiosrachaidh pearsanta agad fhaighinn.

● ma tha teagamh sam bith nad inntinn, na tèid air adhart. Iarr

comhairle air a’ Ghaisgeach Digiteach agad dè bu choir dhut a bhith a’ dèanamh mur eil thu gu math cinnteach.

● tha gach teachdaireachd agus na dealbhan a chuireas tu air

meadhanan sòisealta gu bhith maireannach. Leis sin, bu chòir a bhith faiceallach le na tha a’ cur air loidhne.

● cha bu chòir dhut teachdaireachdan no dealbhan de dhaoine

sam bith a chur air loidhne gun an cead fhaighinn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh uidheamachd agus

fiosrachadh cuideachail mu thoiseach-tòiseachaidh air

loidhne aig start.connecting.scot