AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na...

12
Tha rannsachadh ga chur air dòigh gus faicinn dè tuilleadh is urrainn a dhèanamh air- son pròiseactan eadar Èirinn is Alba a chur air adhart. Tha an sgrùdadh as ùr gu bhith air a choileanadh leis a’ bhall-pàr- lamaid Albannach, Dennis Cana- van, an dèidh iarraidh air a dhèanamh leis a’ chomataidh pàrlamaid a tha a’ coimhead as dèidh cùisean na Roinn Eòrpa agus gnothaichean an taobh a- muigh. Thatar gu sònraichte gu bhith ag amas air iomairtean a chur air dòigh eadar an dà dhùthaich — a’ gabhail a-staigh Èirinn-a-Tuath — agus gum faigh iad sin maoineachadh bho sporan sòn- raichte na Roinn Èorpa. Thuirt Mgr Canavan: “Thar nan linntean, tha an eilthireachd a tha air a bhith dol air adhart eadar Alba is Èirinn, gach taobh, air ceangalan làidir a chruthachadh eadar dhùthaich a tha faisg air a chèile agus aig a bheil mòran a tha coltach. “Mar thoradh air an sin, tha mise dhen bheachd gu bheil mòran phròiseactan co-obrachail ann a ghabhadh a chur air ad- hart ann an nithean mar tursan cultarail, turasachd, spòrs, fogh- lam is còmhdhail, le mòran bhuannachdan eaconamach is sòisealta dha Alba is Èirinn ‹ gach cuid Èirinn-a-Tuath is Poblachd na h-Èireann.” A rèir Mhgr Chanavan dh’fhaodadh gum bi cothrom aig cuid de na pròiseactan seo maoineachadh fhaighinn bhon Roinn Eòrpa oir tha na riaghail- tean a cheana air atharrachadh. Thatar a-nis gu bhith a’ coim- head ri sporan sònraichte far a bheilear a’ coimhead ri rudan a chur air dòigh thar chrìochan mara, a’ fàgail costa an iar na h- Alba air leth freagarrach airson ceangalan a dhèanamh tron seo le Èirinn. Tha sgrùdadh Mhgr Chanavan a thuilleadh air na h-oidhirpean a tha am pròiseact Colmcille a’ dèanamh an-dràsta gus na coim- hearsnachdan Ceilteach a thoirt nas dlùithe ri chèile. B’ àbhaist dhaibh a bhith fon ainm Iomairt Chaluim Chille. Tha Mgr Canavan a’ toirt cuireadh do dhaoine aig a bheil ùidh sa ghnothach fios a chur thuige ro dheireadh na mìos ma tha beachdan sam bith aca. Bu chòir an cur tro phost-dealain gu europe@scot tish.parliament.uk Tha argamaid air nochdadh mu càite am bu chòir seanal ùr dig- iteach na Gàidhlig a bhith stèid- hichte, le cuid ag iarraidh Inbhir Nis is cuid eile ag iarraidh Steòrn- abhagh. Thatar an-diugh nas dòcha- saich gun tèid an t-seirbheis a chur air chois na bhathas a-riamh roimhe, le tomhas de choltas gu bheil ceist an ionmhais faisg air a rèiteachadh. Feumar £17 millean gach bli- adhna airson an t-seanal a mhaoineachadh sin dùblachadh an airgid a tha Co- mataidh Craolaidh Gàidhlig a’ faighinn an-dràsta. Ach, thatar an dùil gun aontaich ministearan Lunnainn an t-airgead a thoirt seachad, seach e a thighinn à Dun Èideann far a bheil na sporanan nas gainne. Fhad ‘s a tha na còmhraidhean sin a’ dol air adhart tha argamaid air nochdadh eadar Comhairle na Gàidhealtachd is Comhairle nan Eilean Siar mu càite a bu chòir oifisean an t-seanail a bhith stèidhichte, agus iad le chèile ag ràdh gum bu chòir an cur dhan sgìre aca fhèin. Thuirt Hamish Friseal, neach- labhairt air cùisean Gàidhlig dha Comhairle na Gàidhealtachd, gun robh e cudromach gum biodh na prògraman Gàidhlig a’ tighinn bho sgìre a tha a’ buntainn ris a’ chànan. Bha e a’ cumail a- mach gum biodh prìomh bhaile na Gàidhealtachd, Inbhir Nis, air leth freagarrach air a shon. “Bidh argamaidean ann,” thuirt e. “Ach tha sinn an dòchas gur ann air Ghàidhealtachd a bhios e. Tha e cudromach gum bi prò- graman Gàidhlig a’ tighinn bhon Ghàidhealtachd.” Ach a rèir Aonghais Chaimbeul, neach-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, chan eil ach aon àite far am bu chòir an seanal ùr a bhith stèidhichte. “‘S e na h-Eileanan an Iar crid- he na Gàidhlig agus tha sinne gu làidir dhen bheachd gur ann ann an seo a bu chòir dha a bhith,” thuirt e. Faic duilleag 3 Am Faoilleach, 2006 www.an-gaidheal-ur.co.uk Aireamh 98 AN ASGAIDH ! TOG FEAR AN-DIUGH AN ASGAIDH Tha beachdan an t-siorraidh Daibhidh Hingston, a thuirt gun robh ceist mu choinneimh dè cho iomchaidh ‘s a bha e casaidean a thogail an aghaidh daoine nach do phàigh cìsean, air dùsgadh as ùr a thoirt air a’ chonnspaid timcheall Drochaid an Eilein Sgitheanaich Faic duilleag 3 Argamaid mu càite am bu chòir an seanal ùr a stèidheachadh Tuilleadh cothroim na ceangalan Ceilteach a neartachadh AN AIMHREIT SAN T-SÀMHCHAIR duilleag 5 duilleag 7 Taobh a-staigh pàipear na mìos seo: Duilleag ùr na camanachd Solas air uinneagan an àrd an iar ‘S e am ball-pàrlamaid, Dennis Canavan, a bhios as cionn an sgrùdaidh Aonghas Caimbeul: Bu chòir an seanal a stèidheachadh sna h-eileanan

Transcript of AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na...

Page 1: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

Tha rannsachadh ga chur airdòigh gus faicinn dè tuilleadh

is urrainn a dhèanamh air-son pròiseactan eadarÈirinn is Alba a chur air

adhart.

Tha an sgrùdadh as ùr gu bhithair a choileanadh leis a’ bhall-pàr-lamaid Albannach, Dennis Cana-van, an dèidh iarraidh air adhèanamh leis a’ chomataidhpàrlamaid a tha a’ coimhead asdèidh cùisean na Roinn Eòrpaagus gnothaichean an taobh a-muigh.

Thatar gu sònraichte gu bhithag amas air iomairtean a chur airdòigh eadar an dà dhùthaich —a’ gabhail a-staigh Èirinn-a-Tuath— agus gum faigh iad sinmaoineachadh bho sporan sòn-raichte na Roinn Èorpa.

Thuirt Mgr Canavan: “Tharnan linntean, tha an eilthireachda tha air a bhith dol air adharteadar Alba is Èirinn, gach taobh,air ceangalan làidir achruthachadh eadar dàdhùthaich a tha faisg air a chèileagus aig a bheil mòran a thacoltach.

“Mar thoradh air an sin, thamise dhen bheachd gu bheilmòran phròiseactan co-obrachailann a ghabhadh a chur air ad-

hart ann an nithean mar tursancultarail, turasachd, spòrs, fogh-lam is còmhdhail, le mòranbhuannachdan eaconamach issòisealta dha Alba is Èirinn ‹ gachcuid Èirinn-a-Tuath is Poblachdna h-Èireann.”

A rèir Mhgr Chanavandh’fhaodadh gum bi cothrom aigcuid de na pròiseactan seomaoineachadh fhaighinn bhonRoinn Eòrpa oir tha na riaghail-tean a cheana air atharrachadh.

Thatar a-nis gu bhith a’ coim-head ri sporan sònraichte far abheilear a’ coimhead ri rudan achur air dòigh thar chrìochanmara, a’ fàgail costa an iar na h-Alba air leth freagarrach airsonceangalan a dhèanamh tron seole Èirinn.

Tha sgrùdadh Mhgr Chanavana thuilleadh air na h-oidhirpeana tha am pròiseact Colmcille a’dèanamh an-dràsta gus na coim-hearsnachdan Ceilteach a thoirtnas dlùithe ri chèile. B’ àbhaistdhaibh a bhith fon ainm IomairtChaluim Chille.

Tha Mgr Canavan a’ toirtcuireadh do dhaoine aig a bheilùidh sa ghnothach fios a churthuige ro dheireadh na mìos matha beachdan sam bith aca. Buchòir an cur tro phost-dealain [email protected]

Tha argamaid air nochdadh mucàite am bu chòir seanal ùr dig-iteach na Gàidhlig a bhith stèid-hichte, le cuid ag iarraidh InbhirNis is cuid eile ag iarraidh Steòrn-abhagh.

Thatar an-diugh nas dòcha-saich gun tèid an t-seirbheis a churair chois na bhathas a-riamhroimhe, le tomhas de choltas gubheil ceist an ionmhais faisg aira rèiteachadh.

Feumar £17 millean gach bli-adhna airson an t-seanal amhaoineachadh — sindùblachadh an airgid a tha Co-mataidh Craolaidh Gàidhlig a’faighinn an-dràsta. Ach, thatar andùil gun aontaich ministearanLunnainn an t-airgead a thoirtseachad, seach e a thighinn à DunÈideann far a bheil na sporanannas gainne.

Fhad ‘s a tha na còmhraidheansin a’ dol air adhart tha argamaidair nochdadh eadar Comhairle naGàidhealtachd is Comhairle nanEilean Siar mu càite a bu chòiroifisean an t-seanail a bhithstèidhichte, agus iad le chèile agràdh gum bu chòir an cur dhansgìre aca fhèin.

Thuirt Hamish Friseal, neach-labhairt air cùisean Gàidhlig dhaComhairle na Gàidhealtachd,gun robh e cudromach gumbiodh na prògraman Gàidhlig a’tighinn bho sgìre a tha a’ buntainnris a’ chànan. Bha e a’ cumail a-mach gum biodh prìomh bhailena Gàidhealtachd, Inbhir Nis, airleth freagarrach air a shon.

“Bidh argamaidean ann,”thuirt e. “Ach tha sinn an dòchasgur ann air Ghàidhealtachd a bhiose. Tha e cudromach gum bi prò-graman Gàidhlig a’ tighinn bhonGhàidhealtachd.”

Ach a rèir Aonghais Chaimbeul,neach-gairm Chomhairle nanEilean Siar, chan eil ach aon àitefar am bu chòir an seanal ùr abhith stèidhichte.

“‘S e na h-Eileanan an Iar crid-he na Gàidhlig agus tha sinne gulàidir dhen bheachd gur ann annan seo a bu chòir dha a bhith,”thuirt e.

Faic duilleag 3 �

Am Faoilleach, 2006 www.an-gaidheal-ur.co.uk Aireamh 98

AN ASGAIDH !

TOG FEAR AN-DIUGHAN ASGAIDH

Tha beachdan an t-siorraidh Daibhidh Hingston, a thuirt gun robh ceist mu choinneimh dè cho iomchaidh ‘s a bha e casaidean a thogail an aghaidh daoine nachdo phàigh cìsean, air dùsgadh as ùr a thoirt air a’ chonnspaid timcheall Drochaid an Eilein SgitheanaichFaic duilleag 3 �

Argamaid mucàite am buchòir anseanal ùr astèidheachadh

Tuilleadh cothroim na ceangalanCeilteach a neartachadh

AN AIMHREIT SAN T-SÀMHCHAIR

duilleag 5

duilleag 7

Taobh a-staighpàipear na mìos

seo:

Duilleag ùr na camanachd

Solas air uinneaganan àrd an iar

‘S e am ball-pàrlamaid, Dennis Canavan, a

bhios as cionn an sgrùdaidh

Aonghas Caimbeul: Bu chòir an seanal a

stèidheachadh sna h-eileanan

AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1

Page 2: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

Fhuair cliù tè de phrìomh shein-neadairean na Gàidhlig fìorthogail nuair a nochd i air prò-gram a’ BhBC a bha a’ comhar-rachadh na bliadhna ùire.

Bha Julie Fowlis, a bhuineasdo dh’Uibhist-a-Tuath, a’ seinn airan aon àrd-ùrlar ri leithid KT Tun-stall agus an còmhlan “Texas”.

‘’S e fìor urram a bha seodhòmhsa agus chuir e crìoch airbliadhna a bha fìor mhath dhomhfhèin,” thuirt i.

Ann an 2005 thug Julie a-macha’ chiad chlàr mar sheinneadairi fhèin, “mar a tha mo chridhe”,agus fhuair e moladh mòr. B’ i a’chiad neach-ciùil Gàidhlig achaidh do fhèis mhòr ‘folk’ annan Cambridge agus chaidh ataghadh mar aon de na sein-neadairean as fheàrr ann an sin.

A thuilleadh air an seo fhuairi duais airson an t-seinneadair ab’ fheàrr aig Fèis a’ Phan-Cheil-teach ann an 2004 agus sanDùbhlachd chaidh a comhar-rachadh mar seinneadairGàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba.

An ath mhìos tha i a’stiùireadh cùrsa air na StàiteanAonaichte far am bi i air an àrd-ùrlar air beulaich mìltean dedhaoine. Bidh i cuideachd a’gabhail pàirt anns an fhèis, CelticConnections, a tha an-dràsta a’ruith ann an Glaschu.

“‘S fìor bhliadhna mhath a bhaann agus tha mi a’ coimhead airadhart gu mòr ri 2006,” thuirt i.

‘S ann an làithean dorcha anFhaoilltich a bhios nadùthchannan Ceilteach a’toirt an aire do Ghlaschu ‘s“Celtic Connections” ga chu-mail ann, an fhèis as mothade cheòl Ceilteach san t-saoghal.

Tha an tachartas a’comharrachadh 13 bliadhnabho thòisich i agus am-bli-adhna tha iad gu bhith ‘g obaircòmhla ri Colmcille — a b’ àb-haist a bhith fon ainmIomairt Cholm Cille — gusceangal a dhèanamh eadarluchd-labhairt na Gàidhlig isna Gaeilge ann an Èirinn isAlba, agus gus an luchd-ciùil Gàidhlig as fheàrr athoirt a Ghlaschu chun nafèise.

Tha Colmcille ag amas aircoimhearsnachd bheòthail,cho-obrachail Ghàidhlig achruthachadh eadar Alba isÈirinn agus cuiridh luchd-ciùil mar “Altan” ‘s am bàrdGearòid Mac Lochlainn gumòr ris an amas seo.

Chaidh Colmcille, noIomairt Cholm Cille mar a b’fheàrr a dh’aithnichear e, astèidheachadh ann an 1998mar iomairt eadar-

dhùthchail gus ceangal adhèanamh eadar Gàidheil nah-Alba is na h-Èireann.

Tha àrd-oifigear ùr aig a’bhuidhinn, Deirdre Nic antsionnaigh, agus tha prìomhoifis ùr ann a tha suidhichteann am Bèal Feirste.

‘S ann à Èirinn-a-Tuath atha Deirdre agus b’ àbhaistdhith a bhith ag obair dhabòrd turasachd na dùthchafar an robh i na stiùiriche airiomairt gus daoine a thàladhair saor-làithean gutaighean-còmhnaidhdùthchail. Tha i fileanta annan Gaelige agus Fraingis.

“Le bhith cur air dòighthachartasan agus a’ toirt taicdo luchd-ciùil is riochdaire-an Gàidhlig, mar ‘Altan’, aigFèis Celtic Connections thasinn a’ toirt cothrom math doGhàidheil às Alba is Èirinna bhith ‘g obair còmhla is coin-neachadh, agus thathar andòchas gun tog sinn ùidh annsna tha sinn a’ dèanamh ammeasg dhaoine eile,” thuirtDeirdre.

Bhon a thòisich e, thaColmcille air a bhith bros-nachadh beòthalachd is mis-neachd ann an cultar naGàidhlig ann an Èirinn aTuath, Poblachd na h-Èire-ann agus Alba le grunnphròiseactan is iomairtean.

Tha fèis Celtic Connec-tions cho soirbheachail ‘scho cudromach air sgàth ‘sgu bheil a leithid de Ghàid-heil às Alba is Èirinn — gusònraichte Dùn nan Gall —a’ tighinn thuice.

Sheall rannsachadh arinn Oilthigh CaledonianGhlaschu ann an 2001 gubheil taobh Gàidhlig noGaeilge o chionn ghoiridann an eachdraidh an teagh-laich aig an dàrna cuid demhuinntir Ghlaschu.

Seinneadair a’cosnadh tuilleadh cliù

Colmcille — anceangal Gàidhligaig Fèis CelticConnections

Julie Fowlis

Bidh an còmhlan Èireannach, Altan, a’ cluiche aig an fhèis

An àrd-oifigear ùr Deirdre Nic antsionnaigh

2 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006

Diciadain 11mh Faoilleach – Latha naSàbaid 29mh Faoilleach Glaschu – Bidh Fèis Celtic Connectionsa’ gabhail àite eadar na làithean seo annan Glaschu. Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh air 0141 353 8000 no cuiribhpost-dealain gu [email protected] 20mh Glaschu – Thigibh gu Uisge Beatha airan oidhche seo airson ‘Ceòl is Craic’ namìos seo, airson còmhradh, beagan ciùilagus gu leòr eile, bho 8.30f.Disathairne 21mh FaoilleachGlaschu - Bidh an còmhlan ainmeil Èire-annach, Altan, a’ comharrachadh 21 bli-adhna còmhla le cuirm-chiùil air anoidhche seo. Bidh i a’ gabhail àite annan Talla Rìoghail Cuirm-chiùil Ghlaschubho 8.30f. Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh air 0141 353 8000 no [email protected] 21mh FaoilleachGlaschu – Bidh Cathy Ann MacPhee annan Ionad Phìobaireachd Ghlaschu bho8f an oidhche seo. Airson tuilleadh fios-rachaidh cuiribh fòn gu 0141 353 8000.Diluain 23mh An t-Òban –Ma tha sibh ag iarraidhcothrom a bhith a’ bruidhinn na Gàidhligann an suidheachadh neo-fhoirmeil, thi-gibh gu an Cearcaill Còmhraidh ann anTaigh-òsta Lancaster air an oidhche seobho 7f. Airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh. Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh bho Joy Dunlop air 01631 565475 no cuiribh post-dealain thuice [email protected] 25mh FaoilleachGlaschu – Bidh Capercaille a’ cluiche annan Talla Rìoghail Cuirm-chiùil Ghlaschuair an oidhche seo bho 7.30f. Bidh ChusPedro, à Austria, an làthair air an oid-hche seo còmhla ri Capercail lecuideachd. Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh mun oidhche seo air 0141 3538000.Dihaoine 27mh Glaschu – Bidh cèilidh agus dannsa a’gabhail àite air an oidhche seo airsonmuinntir Uibhist is Bharraigh ann an Tal-la Coimhearsnachd Rathad Whitefield,bho 9f.Glaschu - Bidh Aly Bain agus Ale Moller(bho Austria) a’ cluiche ann an TallaRìoghail Cuirm Chiùil Ghlaschu air an oid-hche seo bho 8f. Gheibhear ticeadanno fiosrachadh sam bith mun tachartasseo air 0141 353 8000 [email protected] 4mh GearranInbhir Nis – Thèid oidhche Bunàta isSgadain a chumail ann an Talla St Mary’sair an oidhche seo. Thèid cèilidh a chu-mail as a dhèidh far am bi SeumasGreumach agus Kirsteen NicDhòmhnaillan làthair. Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh bho Peggy MacIntosh air01463 231 169 no aig [email protected] 8mh Inbhir Nis – Bidh an t-Oll. Marjory Harp-er a’ toirt òraid seachad air an oidhcheseo ann an Àrd Sgoil Millburn. ‘S e cu-spair na h-òraid Emigration from the High-lands and Islands. Tòisichidh an òraidaig 7.30f. Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh bho Hazel MacFarlane air01463 718 718.Dihaoine 10mh Ulapul – Thèid cèilidh a chumail air anoidhche seo ann an Taigh-òsta HarbourLights an Ulapul. Bidh Iain MacAoidh,Kenny John agus mòran eile an làthair.Dùn Omhain – ~Tha Comataidh Mòd2006 a’ cumail dannsa Valentine air anoidhche seo anns a’ Hunters Quay Hol-iday Village, anns an Lyle Suite, eadar7.30f agus 1m. Bidh buffet agus dannsaann leis a’ hòmhlan cèilidh Donnie agusDiane. Cosgaidh ticeadan airson na h-oidhche seo £20. Gheibhear tuilleadhfiosrachaidh bho Mary Pollock air 01369706 073, bho bùth Mòd Dhùn Omhain,no bho Joy Dunlop aig oifis a’ Chomuinnanns an Òban air 01631 565 475.Dihaoine 10mh am MàrtDùn Omhain – Thèid coinneamh bhli-adhnail A' Chomuinn Ghaidhealaich achumail air an oidhche seo ann an Taigh-Òsta Argyll aig 7.30f. Bidh fàilte chrid-heil oirbh uile.

Cuin ‘s Caite

An Gàidheal

ÙrNeach-deasachaidh

Murray MacLeòidSeòladh

Taigh à Mhorair LeverhulmeCeàrnag Phearsabhail

SteòrnabhaghEilean Leòdhais

HS1 2DD

Fòn: 01851 706877Facs: 01851 706467

[email protected]

Oifigear-sanasachd:Marina NicLeòid

Fon: 01851 703487

An Gàidheal

Ùr

T ha bliadhna ùr air tòiseachadh a-rithist ach cha

chreid mi nach mi an aonduine a smaoinich dhaibhfhèin cho luath a thachairseo. Nach b’ ann an-dè achaidh bùthan an Òbaina sgeadachadh le dathanna Nollaig agus mi a’ruith mun cuairt a’ gabhaileagal nach biodh ùine guleòr agam airson tiodhla-can a cheannach? Achmar a thachras gach turas,bha an Nollaig agus a’Bhliadhn’ Ùr òirnne annam priobadh na sùla agusa-rithist tha bliadhna eilea-nis seachad — bliadhnaa tha mi cinnteach a dh’fhairich nas giorra na bli-adhnaichean roimhe (achan e comharradh a tha seogu bheil mi a’ fàs aost’?! )

Coltach ri daoine airfeadh na dùthcha, tha mia-nis a’ meòrachadh air nabhios romham ann an2006. An e seo a’ bhliadhnaa bhuannaicheas mi £20 millean air a’ Chran-nchar Nàiseanta? ‘S mathdh’fhaoidte gun tuit mi annan gaol le prionnsa àrd,tapaidh a bheir air ais dhan lùchairt mhòr,eireachdail aige mi? No ‘s

dòcha gun cuimhnich mifar a bheil an t-àite annsan do chuir mi mo chead-dràibhidh! Co aig a fios nadh’fhaodadh tachairt.

Thug seo orm a bhitha’ smaoineachadh air natha romhainn ann an Ear-ra Ghaidheal ann an2006, gu sònraichte athaobh na Gàidhlig. Thae follaiseach gu bheil staidna Gàidhlig air athar-rachadh thar nam bli-adhnaichean san àite seo.B’ e sgìre a bh’ann bho ri-amh le ceanglaicheandlùth agus làidir dha cà-nan agus cultar naGàidhlig ach mar athachair ann an iomadhàite eile, dh’fhàs i na bulaige, le glè bheag dedhaoine ga cleachdadh gulàitheil. Dh’èirich ambeachd gun robh i seann-fhasanta, fiù ‘s gun robh ina cànan nach robh frea-garrach dhan latha an-di-ugh. Tha cuimhne agamfhìn nuair a bha mi sanàrdsgoil gun robh clann-sgoile a’ magadh air a’Ghàidhlig agus gun robhìomhaigh dhòrainneachaice.

Ged a bha i na cuspairsgoile a bha a cheart chocudromach ri cuspaireaneile, cha robh spèis aigdaoine dhith mar a bh’a-ca do chànanan Eòrpacheile. Gu fìrinneach, fhuairmi trod uabhasach bhothidsear cànain air beu-laibh a h-uile duine sabhliadhna agam air sgàth‘s gun do dh’ionnsaich miGàidhlig an àite Fraingis.Chaidh innse dhomh gure cànan gòrach gun fheuma bh’ innte agus nach b’ e

dìreach gun robh mi a’caitheamh m’ùine le bhithga h-ionnsachadh ach gunrobh mi cuideachd a’ mil-leadh mo bheatha le bhithan sàs ann an cànan abhiodh à bith ann an bea-gan bhliadhnaichean.

Uill mar a chì sibh,cha do dh’èist mi ri facalsam bith a thuirt e agus gufortanach, bha an drochfhàisneachd aige gu turceàrr. An àite bàs naGàidhlig a bhith ann anEarra Ghaidheal, thòisichath-bheothachadh agusleasachaidhean ùra rinochdadh air feadh nasgìre. Mean air mhean, thacùisean agus beachd nandaoine air atharrachadhagus fiù ‘s san ùine bhigbhon a ghluais mi fhìn airais, tha mi air adhartas mòrfhaicinn agus an àireamhde luchd-ionnsachaidh naGàidhlig a’ dol am meud.

Tha barrachd chothro-man ionnsachaidh rimfaotainn na bh’ ann riamhaig gach ìre — cròileaganagus sgoil-àraich airsonpàistean fo aois sgoile,foghlam tro mheadhanna Gàidhlig do chloinnagus deugairean agus cla-saichean Gàidhlig dodh’inbhich aig a bheil ùidhsa chànan. Tha sgoilteannach robh riamh a’ teagaisgna Gàidhlig a-nis a’feuchainn ri faclanionnsachadh agus eòlasmun chultar Ghàidhlig athoirt dha na sgoilearanaca. Gabhaidh tachartasanGàidhlig àite gu bithean-ta sna coimhearsnachdanle cèilidhean, fèisean agusoidhcheannan fios-rachaidh rin lorg gu minig.

‘S iomadach Mòd ionadaila thèid a fhrithealadh agusa-rithist san Dàmhair am-bliadhna, bidh MòdNàiseanta Rìoghail againnann an Earra Ghaidheal.

An àite casg a chur aira’ Ghàidhlig, chaidh a brosnachadh agus thai a’ fàs nas treasa ammeasg nan coim-hearsnachdan a-rithist.Tha tòrr bhuidhnean ion-adail a-nis ag obair gu dìcheallach, a’feuchainn ri iomairtean aneartachadh agus cothro-man ùra a chruthachadh.Chithear am fianais snameadhanan ionadail lesgeulachdan, dealbhanagus pìosan Gàidhlig a’nochdadh gu cunbhalachsna pàipearan naidheachdagus chluinnear an ad-hartas leis na prògramanGàidhlig a thèid an crao-ladh beò air an rèidiocuideachd.

‘S mar sin, leis an obairmhòr seo a tha a’ tachairttimcheall òirnne carsonnach bi Bliadhna ÙrGhàidhlig againn, bli-adhna anns am faic sinnath-bheothachadh agusspionnadh ùr aig muinntiran àite? Nach fheuchsinn a bhith cho dòchasach ‘s a ghab-has agus dùbhlan ùr achur romhainn. Mas e Bliadhna Chulturach naGàidhealtachd a bhiosann an 2007 carson nache Bliadhna na Gàidhlig abhios ann an 2006 ann anEarra Ghaidheal?

2006 — bliadhna na Gàidhlig an Earra-Ghaidheal

le Joy Dunlop

Iomairtean Gàidhlig ann an Àrd RuighTha oidhirpean a’ dol air ad-hart gus barrachd Gàidhliga stèidheachadh ann an ÀrdRuigh.

Tòisichidh cròileaganagus seirbheis do phàrantanis pàistean an ath mhìosagus tha còmhraidhean a’ dolair adhart gus buidheannShradagan, do dheugaireanle Gàidhlig, a chur air choiscuideachd.

A thuilleadh air an seobidh clasaichean ann dhainbhich agus tha ComhairleSiorrachd Langais a’ tab-

hann cùrsa saor ‘s an-asgaidh airson sia seach-dainean.

Agus gheibh luchd-ionnsachaidh agus filean-taich air a thighinn còmhlaann an suidheachadh neo-fhoirmeil tro “Cupa is Craic”.

Ma tha sibh a’ lorg tuil-leadh fiosrachaidh no ma thaùidh agaibh anns na h-iomairtean cuiribh fios guJanette Nic a’ Ghobhainn air0141 304 1883, no post-dealain [email protected]

AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 2

Page 3: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006 3

Tha an siorraidh a bha os cionncronachadh nan daoine nach dophàigh cìsean air drochaid anEilein Sgitheanaich air ceist athogail mu cho cothromach ‘s abha na cùisean lagha sin.

Thuirt Daibhidh Hingston, abha ag obair ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Phe-ofharain, nach robh e idir ceartmar a chaidh dèiligeadh le nacùisean — ach nach robhroghainn sam bith aige ach a dholair adhart agus na casaidean achur. Chaidh 130 a chronachadhgu lèir.

Tha draghan Mhgr Hingstona’ crochadh air na pàipearanlaghail a bha a’ dearbhadh gundeach na ceadan oifigeil a thoirtseachad airson na cìsean athogail. Bha an luchd-strì a-riamha’ cumail a-mach nach robh iadidir cothromach.

A rèir Mhgr Hingston chanfhaca esan fiù ‘s na pàipearan abha seo, leis an t-Seann Oifis nah-Alba ag ràdh nach b’urrainndhaibh an sealltainn dha airsonadhbhranan coimearsalta. B’fheudar dha gabhail ri na geal-laidhean a thug iad dha gunrobh na pàipearan iomchaidh guleòr.

“Feumaidh sinn gabhail risnach robh iad a’ falach càil, aguschan eil càil a’ toirt ormsmaoineachadh gun robh,” thuirte. “Ach, rinn e gu math duilich aràdh le cinnt dè a bha càite.

“Dh’fheumainn a ràdh gun d’fhuair mi air a’ cho-dhùnadh achumail dìomhair airson adhb-haran coimearsalta gun chiall.Nach eil fhios againn dè a tha ‘jetStealth’ a’ cosg. Tha fios againndè a tha boma niuclasach a’ cosg.Gu dè bho thalamh a tha cho

dìomhaire gu coimearsalta mudheidhinn drochaid as dèidhdhith a bhith air a togail?”

Tha beachdan Mhgr Hingstonair leth inntinneach agus e a’ toirtneartachadh dhan argamaid nachtug an Riaghaltas aig an àm ancead ceart seachad airson nacìsean a chruinneachadh. Tha ecuideachd a’ fosgladh a’chothroim dha na casaidean abhith air an toirt air falbh bhonluchd-strì.

A rèir Mhgr Hingston tha eduilich dha-san, leis an duil-gheadas a bha ann mu choin-neimh nam pàipearan oifigeil, abhith cinnteach gun deachceartas a dhèanamh.

“Tha e nas duilghe dhomh-saa bhith earbsach gun deach adhèanamh, oir seach nach robhfhios dè a bha ann, cha b’ urrainndhomh coimhead airson

dèanamh cinnteach,” thuirt e.“Dh’fheumainn dìreach a ghab-hail le urram gun robh iad ann.”

Thuirt Robbie The Pict, atha air a bhith strì an aghaidh nancìsean bho thùs, gum bu chòir nacùirtean gabhail ris nach robh eidir ceart casaidean a chur anaghaidh nan daoine a diùlt nacìsean a phàigheadh.

“Tha am fear air an robh ual-lach na casaidean a chur ag ràdhnach fhaca esan na pàipearan gulèir,” thuirt e. “Mura eil sin a’ to-gail theagamhan reusanta chaneil sinn a-nis fo stiùir an lagha.Tha Mgr Hingston ceart. Tha egun chiall.”

Ach, thuirt neach-labhairtbho Oifis a’ Chrùin: “Chaidhceistean a thogail mu òrdugh nancìsean agus riaghladh nan cìseansna cùirtean iomadach uair. Gachuair cha deach leotha.”

Chaidh briathrachas ùr delitreachadh is gràmar na Gàidhligfhoillseachadh le Ùghdarras Teis-teanasan na h-Alba.

Tha dùil gum bi na riaghlteanùra gu sònraichte feumail dha tid-searan agus dhaibh-san a tha agobair ann an roinn an foghlaim.

Chaidh “GOC” fhoillseachadhan toiseach ann an 1981 guslitreachadh na Gàidhlig adhèanamh na b’ fhasa agus gusaon dòigh oifigeil a chruthachadhairson mar thathas ga sgrìobhadh.

Tha an leth-bhreac ùr ri fhao-tainn bhon ùghdarras ann an ri-ochd electronaigeach no marleabhar beag pòcaid, a bhiosgoireasach dha duine sam bith atha an sàs ann an sgrìobhadh a’chànain.

Tha e a’ toirt seachad comhair-le mu grunn rudan, marlitreachadh, cuideam air cuid adh’fhacail, gnìomhairean,àireamhan, mìosan is sloinnid-hean.

Chaidh am pròiseact astiùireadh leis an ùghdarras le taicairgid bho Bhòrd na Gàidhlig. ‘Siad Dòmhnall Iain Macìomhairbho Chomhairle nan Eilean Siar,Anna NicSuain bho Cholaiste a’Chaisteil, Boyd Robasdan bhoOilthigh Srath Chluaidh agusIain Dòmhnallach bhoChomhairle nan Leabhraicheanna h-eòlaichean Gàidhlig a bhaair an sgioba rannsachaidh.

Thuirt Anton Colella àrd-oifigear an ùghdarrais: “Tha sinnfìor thoilichte gun urrainn dhuinnan leth-bhreac ùr seo

fhoillseachadh. Tha an seannleth-bhreac air seirbheis mhatha thoirt dhuinn, ach tha an cànanair sgaoileadh air feadh diofar ìre-an ann an Alba, mar sin dheth thaan t-ath-nuadhachadh a’ tighinnaig àm freagarrach.”

Thuirt Mata Macìomhair, achaidh ainmeachadh marchathraiche ùr Bòrd na Gàidhlig:“Tha an ùghdarras a-riamh air abhith cudomach anns an roinn seo

de bheatha na Gàidhlig. Tha migam moladh ann a bhith a’ clo-bhualadh GOC ùr agus le bhithdèanamh sin tha mi ag aith-neachadh na chaidh de dh’obaira dhèanamh le sgioba na pròise-ict.

“Tha GOC cuideachd a’ dearb-hadh gur e cànan beò a tha annsa’ Ghàidhlig a tha a’ leasachadha cuid cleachdaidhean fad na h-ùine.”

Airson a’ chiad uair a-riamh bidham Mòd Nàiseanta Rìoghail aira riochdachadh aig fèis “CelticConnections” ann an Glaschu.

Bidh prìomh fhèis naGàidhlig a’ gabhail pàirt ann an“Taisbeanadh Alba” a bhios rifhaicinn ann an Talla-CluichRìoghail Ghlaschu bhon 19mh.Tha dùil ri mu 200 duine bhoair feadh an t-saoghail.

Thèid innse dhaibh co mudheidhinn a tha am Mòd agusgheibh iad cuideachd ancothrom cuid de na sein-neadairean is luchd-ciùil abhuannaich duaisean a chluin-ntinn.

Nam measg bidh Fiona Nic-Choinnich, a fhuair am bonn òir

an-uiridh, agus buill den chòmh-lan “Fionnar”.

Thuirt oifigear leasachaidh a’Mhòid, Murchadh Moireasdan:“Tha mi dhen bheachd gum buchòir dhan Mhòd an cothrom aghabhail air tachartasan marTaisbeanadh Alba gus a bhros-nachadh mar prìomh fhèis chul-tarail na Gàidhlig.

“Tha an Taisbeanadh a’ tar-raing dhaoine bho air feadhBhreatainn is thall thairis agustha sinn gu mòr a’ coimhead airadhart ri bhith ann.”

Àrd-oifgear an ùghdarrais, Anton Col-lela, còmhla ri Mata MacÌomhair

Briathrachas ùr dol a chuideachadhtidsearan is luchd-sgrìobhaidh

Am Mòd gu bhith na phàirt de “Celtic Connections”RINN a’ chompanaidh “SirRobert McAlpine ConstructionManagement” agus Pàrlamaidna h-Alba rèite air cùis-lagha athog a’ chompanaidh anaghaidh buidheann chorporrana pàrlamaid.

Chaidh a’ chùis a thogail leisgun robh a’ chompanaidh mì-thoilichte le mar a làimhsich a’bhuidheann cuid de na nitheanmu choinneimh a bhith toirt a’chùmhnant airson togail napàrlamaid dha companaidheile.

Bha aig a’ bhuidheann ris a’chuis a làimhseachadh marthoradh air gur iad a ghabh anobair a-nall bho seann Oifis nah-Alba.

Fhuaireas air an gnothaicha rèiteachadh an dèidh coin-neamhan eadar oifigear riagh-laidh na pàrlamaid, SeòrasReid, agus stiùiriche na com-panaidh, Daibhidh Boyle.

“B’ e tighinn gu còrdadhmun chùis chum leas a’ phobaillnuair a smaoinichear air na cos-gaisean a dh’fhaodadh a bhithann, a bh’ againn ri dhèanamh“ thuirt Mgr Reid. “Mar sin thami air leth toiliche gun deachagainn air a’ chòrdadh seo leMcAilpein a ruighinn.”

THA dealbhan de RaibeartBurns agus Maighstir BhaltarScott am measg còig obraicheanealain a tha air iasad aig a’ phàr-lamaid.

Chaidh an cruthachadh leisan fhear-ealain AlbannachCalum Colvin agus tha iad rimfaighinn ann an riochd digiteachis air canabhas.

Tha a’ phàrlamaid ag amasair obair ealain co-cheangailteri cultar na dùthcha a thais-beanadh.

Chaidh Mata MacÌomhair ain-meachadh mar chathraiche ùrBòrd na Gàidhlig. Gabhaidh e a-nall an dreuchd an ath mhìos nu-air a thòisicheas Achd naGàidhlig.

Tha Mgr MacÌomhair, abhuineas do Leòdhas agus a b’ àb-haist a bhith na cheannard air Co-mataidh Craolaidh Gàidhlig — atha a-nis fon ainm Seirbheisnam Meadhanan Ghàidhlig —agus an-dràsta tha e na fhear-clàraidh ‘s na cheannard airComhairle Choitcheann Theagasgna h-Alba, a tha a’ coimhead asdèidh luchd-teagaisg na dùthcha.

Leanaidh an dreuchd ceithirbliadhna agus e a’ gabhail a-nallbho Dhonnchadh Fearghastan, atha na cheannard air Àrd-sgoil a’Phluic.

Thuirt ministear na Gàidhligann an Riaghaltas na h-Alba,Peadar Peacock: “‘S e clach-mhìleeile tha seo dhan Ghàidhlig. Leisan uallach shònraichte a bhios airBòrd na Gàidhlig ann a bhith a’cur Achd na Gàidhlig an gnìomh,bha e deatamach an neach cearta bhith air an stiùir.

“Le Mata MacÌomhair athaghadh tha sinn air fìor dhuinedealasach dìoghrasach a lorg a nìstrì gun lagachadh, tha mi cin-nteach, gus an soirbhich leGàidhlig san àm ri teachd.

“Bidh luach mhòr anns an eòlasagus a’ chreideas farsaing a th’ aigMata ann an coimhearsnachd na

Gàidhlig agus tha fiughair agama bhith ag obair còmhla ris a’ curna h-Achd an gnìomh.”

Thuirt Mgr MacÌomhair: “Thami air leth toilichte gabhail ricuireadh bhon mhinistear a bhithnam chathraiche air Bòrd naGàidhlig. ‘S e àm inntinneach atha seo dhuinn uile ann ansaoghal na Gàidhlig, ach thaatharrachaidhean mòra an dàndhuinn cuideachd.

“Tha e nis an urra ris a’ choim-hearsnachd brath a ghabhail airna cumhachdan a tha an cois Achdna Gàidhlig gus dèanamh cin-nteach gun till neart is sgairt chunna Gàidhlig a-rithist.

“Tha e cuideachd deatamachgun tèid misneachd a thogailam measg nan Gàidheal a thaobhna tha romhpa, agus gum faic iadan cànan aig cridhe an adhartaissin. Feumaidh Bòrd na Gàidhligcuideachadh le bhith bros-nachadh na misneachd sin, agusstiùir a thoirt dhan choim-hearsnachd gus an cothrom asfheàrr a ghabhail air na sgileanagus na buannachdan a th’ aca,chan ann a-mhàin dha na Gàid-heil ach do leasachadh cultarailAlba gu lèir.

“Tha fiughair agam obrachadhle buill is oifigearan a’ Bhùird, agusleis a’ choimhearsnachd, gusbrath a ghabhail air a’ chothromseo.”

MacÌomhair air ainmeachadh marchathraiche ùr a’ bhùird

Argumaid mu càite ambu chòir an seanal ùr astèidheachadh

Siorraidh ag ràdh gun robh e gun chiall nach fhaca e na pàipearan

Dragh mu choinneimhcùisean lagha na drochaid

Oisean na Pàrlamaid

Fiona NicChoinnich a bhios a’ seinn aig an tachartas. Chithear i an seo a’faighinn duais bho Lawrie Sinclair, stiùiriche CalMac, aon de prìomh luchd-taica’ Mhòid

� duilleag 1 “Tha an t-uabhas bho na h-

eileanan ag obair ann an saoghalan telebhisein agus bu chòirdhuinn an cothrom a thoirtdhaibh a thighinn air aisdhachaigh agus obair anns a’ghnìomhachas.

“Cuideachd, bhiodh cothromann ceanagal a dhèanamh le Co-laiste a’ Chaisteil airson daoine athrèanadh. Nar beachd-ne tha efìor chiallach a thoirt dha na h-eileanan, oir ‘s ann an seo a thana coimhearsnachdan Gàidhlig.”

Dh’innis Mgr Caimbeul gunrobh barrachd is barrachdgnothaichean a thaobh a’ chànaina’ dol a dh’Inbhir Nis, le grunn dena buidhnean stèidhichte ann an

sin, Bòrd na Gàidhlig nam measg.“Tha Inbhir Nis air a bhith ag

obair cruaidh a thaobh naGàidhlig a cheana agus feumaidhsinne sinn fhèin barrachd adhèanamh agus ar n-argamaid-ean a chur air adhart,” thuirt e.

Tha cuideachd beachd anngum bu chòir an seanal a bhithstèidhichte ann an Glaschu, oir‘s ann an sin tha gnìomhachas nammeadhanan stèidhichte, am BBC— a thatar an dòchas a bhios naphàirt mhòr den iomairt— nammeasg.

Faic beachd duilleag 9�

AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 3

Page 4: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

4 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006

An Gàidheal Òg

Deasaichte le Roinn an Fhoghlaim, Comhairle nan Eilean Siar

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

A

B

C

D

3 Airson 300Dè an ràithe a bh’ann an Narnia fo riaghladh na

ban-bhuidsich?

7Airson 4000Dè an seòrsa beathach abh’ann an Reepicheep?

11 Airson 64000Dè a bh’ann an Trumpkin?

15 Airson 1,000,000Cò air a tha sgeulachdan

narnia mar shamhla?

10 Airson 32000Dè nach eil uair sam bidh ann

an Narnia fo riaghladh na bana-bhuidsich?

6 Airson 2000Dè an seòrsa àite a bh’ann an

Cair Paravel?

5 Airson 1000Dè a’ bh’anns an Dawn

Treader?

9 Airson 16000Dè tha annasach mu chuid de

bheathaichean Narnia?

8 Airson 8000Dè an tiotal a fhuair Peadar?

4 Airson 500Ciamar a fhuair a’ chlann gu

lèir a-steach a Narnia a’ chiadturas?

12 Airson 125000Càit an do rugadh CS Lewis?

13 Airson 250000Càit an robh Puddleglum a’

fuireach?

14 Airson 500,000Càit an deach Aslan a chur gu

bàs?

cat fiadhaich

leomhann

lynx

tìgear

glas

dubh

geal

gorm

an geamhradh

an t-earrach

an samhradh

am foghar

2 Airson 200Dè an dath a bh’air a’ bhana-bhuidseach?

EOLAS AIR NARNIATha seo rudeigin coltach ris a’ gheama air teleb-hisean far am bi daoine a’ feuchainn ri moranairgead a bhuannach le bhith freagairt cheis-tean. Tha eagal orm nach eil ach airgead ma’sfhior an cois seo. Faodaidh tu comharraidheana thoirt dhut fhèin aig an aon luach , ge-ta.

Feuch dè mar a gheibh thu air adhart. Faodaidhtu cuideachadh fhaighinn mar a leanas;

•Faighnich do charaid•Faighnich don teaghlach/chlas.•Sùil air na leabhraichean.•Sùil air faclair

Chan fhaod thu gach fear a chleachdadh achaon turas.

Ma dh’fhailnicheas ort buileach, tha na frea-gairtean aig bonn na duilleig.

Feuch gun sgriobh thu sios facial ùra sam bitha dh’ionnsaicheas tu, agus cleachd iad a’ chiadchothrom a gheibh thu.

FREAGAIRTEAN1b,2c,3a,4c,5c,6d,7c,8a,9b,10d,11b,12d,13b,14c,15d

1 Airson 100Dè an seorsa beathach a

th’ann an Aslan?

Air trèana

Ann am bruadar

Tro phreas aodaich

Le slat draoidheachd

pàipear-naidheachd

speur-shoitheach

bàta

baidhseagail le sgiathan

eilean

fàsach

uamh

caisteal

druid dhubh

currucag

luch

radan

àrd-rìgh

àrd-dhiùc

àrd-iarla

àrd-phrionnsa

Tha iad math air seinn

’S urrainn dhaibh bruidhinn

Bidh aodach orra

Cha bhi iad a’ sabaid

Càisg

Bliadhna Ur

Là na Sàbaid

Nollaig

famhaire

troiche

ùmaidh

blaoghdaire

A’ Chuimrigh

Astàilia

Eirinn a Deas

Eirinn a Tuath

taigh am meadhan loch

ann am boglach

ann an coille

air a’ chladach

ann am meadhan gàrraidh

air mullach caisteal

air bòrd cloiche

ann an seathair umha

Cogaidhean

Saoghal a chaidh a bith

Lorg planaidean ùra.

An creideamh Criosdail

AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 4

Page 5: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006 5

Prìomh Sgeulachdan na Mìos

T ha gearanan airnochdadh nach eil co-mataidh de

dh’eòlaichean, a tha dol adhèanamh sgrùdadh air suid-heachadh na Gàidhlig, dol a dholnas fhaide tuath na DùnÈideann.

Aig deireadh na mìos, thigbuidheann de dh’eòlaicheancànain bhon Roinn Eòrpa adh’Alba gus faicinn a bheilRiaghaltas na h-Alba agusRiaghaltas Bhreatainn air coin-neachadh ri na feumalachdanaca fo Chlàr na Roinn Eòrpa airMion-chànanan is CànananRoinneil.

Sa Mhàirt 2004 cho-dhùina’ chomataidh nach robh gachRiaghaltas idir air na dleast-anasan aca fon chlàr achoileanadh ann an grunnnithean, mar seanal ùr digiteacha chur an sàs dhan Ghàidhligagus gu lèor thidsearan athàladh.

Tha cuairt na mìos seo a’leantainn bhon sgrùdadh sinagus na h-eòlaichean airsonfaicinn an tàinig piseach athaobh nan duilgheadasan amhìnich iad.

Bidh iad ann an Dùn

Èideann Diluain 30mh nuaira tha dùil gun coinnich iad rigrunn dhaoine agus às an sinthèid iad sìos a Lunnainn gusdleastanasan RiaghaltasBhreatainn a sgrùdadh.

Ach, chaidh gearanan athogail nach eil a’ chomataidha’ tighinn suas dhan Ghàid-healtachd ‘s dha na h-Eileanan.

Thuirt fear-labhairt cùiseanna Gàidhlig aig Comhairle naGàidhealtachd, Hamish Friseal,gun d’ fhuair iad cuireadh athighinn a choinneachadh nacomataidh, agus cha robh e idirtoilichte leis an seo.

Thuirt e gun robh e fìor ri-atanach an t-suidheachadh asheachnadh far an robh anRiaghaltas faighinn a’chothroim innse dhaibh chomath ‘s a tha cùisean air a bhithgun beachdan eile a thighinnam follais.

“Chaidh ceumannan mathair adhart a ghabhail, marAchd na Gàidhlig, ach tha sinnfhathast gun faicinn dè nacòirichean a bheir sin dhaluchd-labhairt naGàidhlig,”dh’innis e.

“Tha sinn toilichte gu leòra ràdh na rudan a tha math, ach

chan eil fhathast seanal teleb-hisein Gàidhlig againn agus thae coimhead coltach gu bheilargamaid mu dheidhinn amhaoineachaidh.

“Tha sinn daonnan a’ cur ancuimhne an Riaghaltais anfheum a th’ againn air tidsear-an agus ged a chaidh grunn dedh’iomairtean ainmeachadhbho chionn ghoirid tha eduilich fhaicinn de th’ annta atha eadar-dhealaichte bho natha tidsearan eile a’ faighinn.”

A rèir àrd-oifigearChomunn na Gàidhlig, Dòmh-nall Màrtainn, b’ e gearan a bhaseo anns an robh brìgh, oir anturas mu dheireadh a bha a’chomataidh ann an Alba shi-ubhail iad air feadh na dùthcha,gu àitichean mar Steòrnab-hagh.

“Bhiodh e an b’ fheàrr namfaigheadh iad air a dhol aghrunn àiteachan agus ammeasg choimhearsnachdan gusbeachd fhaighinn air dè mar atha iadsan a’ faicinn na cùise,”thuirt e. “Ach, air an làimh eiletha an ùine aca ann an Albagann agus feumaidh iad sùil athoirt air rudan eile, mar a’Chuimrigh mar eisimpleir.”

N ochd grunn dhraghanmu dheidhinn planaDualchas Nàdair na h-

Alba gus pàirc nàiseanta maraa stèidheachadh an àiteigintimcheall costa na dùthcha.

Dh’fhoillsich iad liosta dhena h-àitichean a bu fhreagar-raiche, le grunn sgìrean air a’chosta an iar air an comhar-rachadh mar na h-àitichean asfheàrr air a son.

Ach, tha iomagain mhòrair nochdadh mu choinneimhna h-iomairt agus mar-thà thaComhairle nan Eilean Siar aira ràdh nach toir iadsan taic dhaair chor sam bith, mas e agusgum feuch a’ bhuidheann ris a’phàirc nàiseanta a stèid-heachadh san sgìre ac’.

Bidh na pàircean nàisean-ta ag amas air prìomhachas athoirt do ghlèidhteachas aguscothroman a bhrosnachadhann an turasachd agus cur-seachadan. Tha tè an-dràsta airbeanntan a’ Chùirn Ghuirm.

Am measg nan àitichean achaidh a chomharrachadh marsgìrean freagarrach tha Earra-Ghaidheal is na h-eileanan, a’mhuir timcheall Loch Abair isan t-Eilean Sgitheanach agus

na h-Eileanan Siar.A rèir Iain Hermse, a tha na

rùnaire air Comann Iasgaire-an Mhalaig agus an Iar-thuath,leanadh e gu daoine a bhith a’call an cosnaidh.

Thuirt e gum bu chòir an airea thoirt bho dhaoine aig nacheil ach aon amas agus a bhiosa’ dol an sàs ann an rudan abheir cron gu na daoine a thaa’ fuireach san àite agusfeuchainn ri bith-beò adhèanamh ann.

“Mar chomann chan eilsinne a’ faicinn feum sam bithann am pàirc nàiseanta mara,”dh’innis e. “Ruigidh a crìoch gusia mìle a-muigh agus chan eili a’ toirt càil a bharrachd luachdo dh’iasgairean, na do dhaoineeile a tha a’ dèanamh am bith-beò bho uisgeachan a’ chosta.

“Bidh e cuideachd inntin-neach fhaicinn dè thachrasdha tuathanasan èisg. Tha seodualtach ìre eile de riaghailteana chur mu choinneimh sgìremara as iongantaich a tha ammeasg nan sgìrean as miosa sant-saoghal a-thaobh riaghail-tean.”

Tha ball-pàrlamaid nanEilean Siar, Alasdair Moireas-

dan, dol a sheasamh gu treunan aghaidh moladh sam bith air-son pàircean nàiseanta a stèid-heachadh sna h-eileanan.

A rèir Mhgr Mhoireasdainbidh e tòrr mòr nas fheàrr ri-an a chur air na h-uisgeachantro chomataidhean stiùiridhroinneil a bhios air an ruith legnìomhachas an iasgaich.Thatar an dùil a’ chiad fhear ac’a stèidheachadh sna h-eileanansa Mhàirt.

Thuirt e: “An rud adh’fheumas sinne ‘s e stiùireadhroinneil air an iasgach far amfaighear air obrachadh gu dlùthle luchd-seòlaidh, iadsan abhios a’ dàibheadh agusbuidhnean mara eile.”

Lean e air: “Bu chòir dhuinna bhith glè fhaiceallach nuaira tha SNH a’ dèanamh moladha bhios ‘math dha na h-eileanan’. Aig deireadh an là ‘se buidheann a tha seo a tha glèthoilichte cothroman eacono-mach nan eilean, air muir agustìr, a mhùchadh agus a rinnsabaist chruaidh gus andeigheadh na prìomh oifiseanaca a ghluasad bho DhùnÈideann a dh’Inbhir Nis.”

T ha daoine a tha a’fuireach air Ghàidheal-tachd a’ dèanamh oidhirp

mhòr airson cuideachadh anna bhith cur stad air daoine bhobhith ag òl ‘s a dràibheadh, lebhith cur fios air na poilis.

Chaidh 13 a ghlacadh thairisair seachdain na Bhliadhn’Ùire fhèin agus a-mach à sinchaidh 10 a ghlacadh an dèidhfiosrachadh a thoirt dha na poilismun deidhinn.

Chaidh an àireamh a chaidha ghlacadh gu lèir thairis air cei-thir seachdainean an-àirde13% an taca ris an-uiridh, achtha na poilis dhen bheachd gure as coireach gun deach bar-rachd a ghlacadh gu bheil bar-rachd a’ briseadh an lagh sandòigh seo. Gu lèir, chaidh 61 aghlacadh am-bliadhna agus

54 an-uiridh.Gach bliadhna thairis air an

Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùr thaiomairt shònraichte ga chur airdòigh airson daoine a tha ag òlis a’ dràibheadh a ghlacadh. ‘Se seo an àm dhen bhliadhna atha daoine nas dualtaich suid-he air cùlaibh cuibhle is iad aira bhith ag òl deoch làidir.

Thuirt an inspeatair Iain Maca’ Ghobhainn, a tha os cionnroinn nan rathaidean dha Poilisa’ Chinn-a-Tuath, gun robh ant-àrdachadh air sgàth ‘s gun robhbarrachd dhaoine a-nis a’ curfios air na poilis.

“Bu math leam taing a thoirtdhan phobal agus bhithinn andòchas gun lean an taic sinthairis air a’ Bhliadhna Ùr,”dh’innis e.

“‘S e duilgheadas a tha ann

a bhith ag òl ‘s a’ dràibheadhnach eil a’ falbh agus cumaidhsinn òirnn ag amas air daoinea tha ris an eucoir a tha seo.

“Tha barrachd is barrachddhaoine dhen bheachd, mar atha sinne, nach bu chòir gab-hail ri bhith ag òl is a’ dràibheadhagus chan eil e ach a’ toirt brònis briseadh cridhe do theagh-laichean is coimhearsnach-dan.”

Am-bliadhna, a thuilleadhair a bhith ag amas air daoinea bha ag òl is a’ dràibheadh bhana poilis ag amas air daoine abha air drugaichean mì-laghaila ghabhail agus a’ suidhe aircùlaibh cuibhle. Cha d’ fhuairiad grèim air duine a bha ris anseo.

Feumaidh èolaichean cànain an teachdairean ceart fhaighinn

Càineadh air na pàircean nàiseanta mara

T ha pròiseact chudromachùr dol a thoirt sùil airGàidhlig ‘s cultar na

Gàidhlig agus mar a tha iad aira bhith toirt buaidh air na h-ealainlèirsinneach thar nan linntean,agus air saoghal lèirsinneachnan Gàidheal.

‘S iad Sabhal Mòr Ostaig isOilthigh Dhùn Dè a tha gu bhithruith na pròiseict rannsachaidha tha dol a chosg £550,000 agusa mhaireas còig bliadhna.

Tha “Uinneag dhan Àird anIar” — tiotal a thàinig bhon dàniomraiteach aig SomhairleMacGill-Eain, Hallaig — gubhith beachdachadh air andàimh eadar na h-ealain lèirsin-neach agus cultar is cànan nanGàidheal.

Thàinig am pròiseact gu bithair sgàth aon dhe na tabhartasanas motha a chaidh abhuileachadh riamh do na h-ealain lèirsinneach le Comhair-le Rannsachaidh nan Ealain ‘s nanCuspairean-Cànanach, agus thaam pròiseact ag amas air co-lab-hairt dheireannach aig ceannnan còig bliadhna a sheallastoradh nan co-chonaltraidhean,taisbeanaidhean agus pàipearan-rannsachaidh a gheibhear saneadar-ama.

Bidh taisbeanadh obair-ealainann cuideachd, agus thèid an obairrannsachaidh fhoillseachadh,cuid dhith ann an cruth leabhair.Thathar fhathast ri neach-rannsachaidh for-cheumnachfhastadh a cheanglas an sgioba-rannsachaidh ri chèile.

Thuirt stiùiriche an t-SabhailMhòir Tormod MacGilliosa: “Thami air leth toilichte gun d’ fhuairsinn taic airson na pròiseict seoagus tha mi a’ coimhead air ad-hart ri bhith togail air an dàimha th’ ann mu thràth eadar sinnfhìn ‘s muinntir Oilthigh DhùnDè.

“Tha an tabhartas seo a’ tigh-inn aig àm glè fhreagarrach ‘ssinne am beachd ionad nanealain lèirsinneach a stèid-heachadh san togalach ùr againnairson nan gnìomhachasan cul-tarach as cruthachail ‹ Fàs.

“Thèid an togalach fhosgladhann an 2007 nuair a bhios Albaa’ comharrachadh BliadhnaChultarach na Gàidhealtachd.”

B’ iad Murchadh Dòmhnal-lach, an t-àrd-olllamh airsoneachraidh ealain na h-Alba aigOilthigh Dhùn Dè, agus an t-àrd-ollamh MacGilliosa na prìomhthagraichean airson an tabhar-tais rannsachaidh.

Thuirt an t-àrd-ollamhDòmhnallach: “‘S e cothrom

mìorbhaileach a th’ ann an seosmaoineachadh às ùr airìomhaigheachd na Gàidheal-tachd. Tha làn chòir againngnàth-ìomhaighean Landseer achur chun dàrna taobh.”

Thàinig am pròiseact às andlùth dhàimh obrach a tha air abhith ann sna bliadhnaichean adh’fhalbh eadar Sabhal Mòr Os-taig is an Ollamh Uilleam MacIl-lEathain bhon Visual ResearchCentre aig Oilthigh Dhùn Dè. Thaan t-Ollamh MacIllEathain aith-nichte mar neach-ealain aig a bheilùidh ann an cultar na Gàidhlig.

Am measg nam prìomhrannsachairean aig a’ phròiseacttha: an t-Ollamh Meg Bateman,aon dhe na prìomh òraidicheanaig Sabhal Mòr Ostaig; an t-ard-ollamh Tormod Seathach, neach-ealain is òraidiche aig Sgoil nanEalain Fhìnealta ann an Oilth-igh Dhùn Dè agus an t-OllamhIain Purser, eòlaiche-ciùil ‘ssgrìobhaiche ciùil.

Thuirt an t-Ollamh Purser:

“Cha deach dèiligeadh ceart ri-amh ri saoghal lèirsinneach naGàidhlig, chan ann bho thaobhna h-eachdraidh ‹ leantain-neachd no cion leantainneachd.Cha deach rannsachadh ceart adhèanamh, air a h-uile raon.”

Tha obair-rannsachaidh airtòiseachadh mu thràth agus thae fa-near dhan Ollamh Batemancoimhead air an t-saoghal lèirsin-neach ann an litreachas naGàidhlig an toiseach.

Thuirt i: “‘S i a’ cheist a thadaonnan agam aig cùl m’ inntinn:Ciamar a bhiodh na Gàidheil a’coimhead air diofar rudan? Chane dìreach ciamar a bha iad gamfaicinn. A thaobh cruth na tìre mareisimpleir, ‘s dòcha gun toir misùil air tìr nan uirsgeul ‹ ciamara bhathar a’ coimhead air mar àitefar am faigheadh tu Fionn ‘s nalaoich eile? Bu thoigh leamcuideachd sùil a thoirt air mar abhathar a’ coimhead air an tìr marbhodhaig.”

Pròiseact chudthromach ùr a’ sireadh sealladh lèirsinneach nan Gàidheal

Barrachd air an glacadh ag òl is a’ dràibheadh

Tha “Uinneag dhan Àird an Iar”, a bhios stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, andòchas sealladh coileanta a thoirt air lèirsinn nan Gàidheal

T hàinig luchd-ceum-nachaidh is luchd-fastaidha tha an sàs ann an Sgea-

ma Luchd-ceumnachaidhChomunn na Gàidhlig cruinncòmhla anns An Lanntair ann anSteòrnabhagh air a’ mhìos achaidh gus beachdachadh air anSgeama.

Thuirt Dòmhnall Màrtainn,Ceannard Chomunn na Gàidhlig:“Thug a’ choinneamh seocothrom dhan luchd-ceum-nachaidh coinneachadh ri chèileagus fhuair iad fhèin agus ri-ochdairean bho na diofarbhuidhnean cothrom beachdan,ceistean, duilgheadasan no mo-laidhean sam bith a bh’ aca munsgeama a thogail. Tha an sgeamaseo air a bhith a’ ruith a-nis air-son dà bhliadhna agus tha CnaGair leth toilichte le cho math ‘s ashoirbhich leis gu seo.

“Tha sianar air obair fad bh-liadhna fhaighinn còmhla ricaochladh bhuidhnean Gàidhliganns na h-Eileanan an Iar agusanns an Eilean Sgitheanach trosgeama na bliadhna-sa agus thasinn cinnteach gum faigh iadbuannachd mhòr às.”

Thuirt Sìne NicLeòid à Nis annan Leòdhas: “Tha mi air cùmh-nant bliadhna fhaighinn maroifigear taic aig Fosglan ann anColaiste a’ Chaisteil tron SgeamaLuchd-ceumnachaidh. ‘S ecothrom math dha-rìribh a th’ anndha daoine le Gàidhlig a th’ airceumnachadh oir tha e a’cruthachadh obraichean ùra abheir eòlas dhaibh air saoghal naGàidhlig.

“Tha piseach mòr air a thigh-inn air na sgilean eadar-thean-gachaidh agam bho thòisich miagus tha mi gu mòr an comain Co-

munn na Gàidhlig airsoncothrom a thoirt dhomh gus anobair seo a dhèanamh.”

Seo an dàrna bliadhna a thaCnaG air an Sgeama Luchd-ceumnachaidh a ruith. Fhuair sia-nar luchd-ceumnachaidh obair trosgeama na bliadhna an-uiridh agusfhuair sianar obair air a’ bhliadhna-sa.

Bidh an luchd-ceumnachaidha’ dol air cùrsa fèin-leasachaidhairson seachdain mar phàirt densgeama agus bidh iad a’ dol airiomlaid-obrach a dh’Èirinn air-son trì seachdainean.

Tha an sgeama air amhaoineachadh le Bòrd naGàidhlig, Iomairt na Gàidheal-tachd, Comhairle nan Eilean Siaragus a’ bhuidheann Leader +nan Eilean Siar, An EileinSgitheanaich is Loch Aillse.

Moladh dophròiseact an luchd-ceumnachaidh

AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 5

Page 6: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

C

M

Y

KA’ cumail taic ri spòrs na h-AlbaA’ cumail taic ri spòrs na h-Alba

Comann na CamanachdTaigh na Banrigh Anna111 Àrd-ShràidAn Gearastan PH33 6DG

fòn: 01397 703903facs: 01397 703903

www.shinty.comp.-dealain: [email protected]

Comann na CamanachdComann na Camanachd

AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 6

Page 7: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006 7

A ig toiseach na Bli-adhn’ Ùire chur Co-mann na

Camanachd fàilte air àrdoifigear ùr, Ridseard Tul-loch, aig àm air leth in-ntinneach don ghèam.

Tha maighstir Tulloch a’gabhail thairis bhon Èire-annach, Graham D’Arcy, atha air obair ionmhalta adhèanamh anns an dà bh-liadhna mu dheireadh anna bhith a’ toirt crathadhmath air spòrs nan Gàid-heal agus a’ stèidheachadhstructairean ùra airsonnam bliadhnaichean a tharomhainn.

A’ toirt a’ chiad agallamhaige don, Ghàidheal Ùr,thuirt Mgr Tulloch gunrobh bliadhna air lethtrang air a bhith aigsaoghal na camanachd farna pàirce ann an 2005agus tha e airson leigeil lecùisean socrachadh muscuir e a dhreach fhèin aira’ ghèam.

“Sa chiad àite, tha mi air-son èisteachd agus coin-neachadh ri buill nansgiobannan,” thuirt Tul-loch (55).

“Is e bliadhna dedh’atharrachaidhean mòraa bh’ ann an 2005 agus gupearsanta, bha e nafhaochadh dhòmhsa anuair a chuala mi gun robh

na buill air gabhail ri seu-san cluiche tro mhìosan ant-samhraidh. Tha sin a’toirt cothroman ùra donghèam agus bidh sinn a’ glu-asad orra sin sna mìosan atha romhainn, ach antoiseach tha e cudromachgun cluinn mi dè na rudana tha ag obair ‘s dè nach eil.”

Bha Tulloch a’ bruidhinn‘s e a’ tadhal air DùnOmhain far a bheilear andùil Cuairt DheireannachCupa na Camanachd achluich am-bliadhna agusfhad ‘s a thèid beagancàradh agus obair leu-dachaidh a dhèanamh aira’ phàirce sa bhaile thasinn a’ tuigsinn gun tèid anlàrach ainmeachadh gufoirmeil a dh’aithghearr.

Thèid a’ phàirc achleachdadh cuideachdairson Cupa a’ Mhòid achluich an uair a thadha-las am Mòd NàiseantaRìoghail air a’ bhaile agustha Tulloch an dòchas guntoir sin anail às ùr donghèam ann an sgìre EarraGhaidheil.

“Ged a tha an gèam gumath fallain mu thuath, thae a’ dèanamh dragh dhomhgu bheil an àireamhsgiobannan ann an EarraGhaidheal air a dhol sìos snabliadhnaichean mudheireadh,” thuirt e.

“An uair a bha mi an sàsann a bhith a’ sgrìobhadhleabhar-bliadhna na Ca-manachd aig toiseach nan90an, bha an àireamh gumath nas àirde agusbhithinn an dòchas le bhitha’ dol air ais gu Lìogan sgìreilgun toireadh sin mis-neachd do sgiobannan ùraa thighinn air adhart.”

Tha Tulloch a’ tilleadhair ais a dh’Alba — rugadhe ann an Obar Dheathain— as dèidh mòran bhli-adhnaichean ann an Sa-sainn far an robhdreuchdan àrd inbhe aigeann am buidhnean saor-thoileach leithid DualchasShasainn agus Communi-ty Action Hampshire, far anrobh e ag obair mudheireadh.

Bidh a chuid sgileanmar rianaire agus an dealasa th’ aige fhèin airson a’gheama fìor chudromach dochamanachd anns na bli-adhnaichean a tharomhainn agus tha sinn a’guidhe gach soirbheachasdha na obair ùr.

T ha e math fhaicinn gubheil an Comann air glu-asad gus ìomhaigh nas

àirde a thoirt don Ghàidhlignan cuid obrach.

Chan e a-mhàin gu bheil iadair an làmh a chur nam pòca air-son a’ cholbh seo a thoirt gu buil— le foillsichidhean agusstuthan-teagaisg is coidsidh eileri thighinn fhathast — ach nascudromaiche buileach tha iad airprìomhachas a thoirt don chànanair suaicheantas a’ Chomainnfhèin le na faclan “Comann na Ca-manachd” a’ nochdadh os cionnnam faclan Beurla.

Bidh am facal “Alba”cuideachd air na lèintean aig ansgioba nàiseanta le “camanachdnam ban” air lèintean sgioba namboireannach.

Ceum beag ‘s dòcha ach ceumcudromach don chànancuideachd. Bidh cuimhn’ aig guleòr air na h-iarrtasan a chuirluchd-iomairt Gàidhlig — mifhèin nam measg — gu ComannBall-coise na h-Alba sna bli-adhnaichean mu dheireadh air-son am facal Alba a chur airlèintean na sgioba nàiseanta.

Tha an SFA air diùltadh a-muigh ‘s a-mach gabhail ris antagradh sin, fiù ‘s ged a tha gu leòrdo luchd-leantail ga iarraidh, ach‘s math gu bheil co-dhiù aonchomann ann a tha deònachtaic fhollaiseach a chur ris a’ chà-nan.

L e naidheachd bàis UilleimBatchen, tha saoghal na ca-manachd air fear de laoich

a’ gheama a chall. Bidh cuimhneair “Batchen”, mar a b’ fheàrr adh’aithnichear e, mar shàr rèitire— a’ chiad fhear a bha os cionntrì cuairtean deireannaich deChupa na Camanachd — ach bhaiomadach taobh eile cuideachdair an duine a rugar fad airfalbh bho sgìrean traidiseanta a’gheama ann am Bathgate. Bhae a’ cluiche ball-coise do sgioban-nan Chaledonian Inbhir Nisagus Chlach na Cùdain aigdeireadh nan 1930an is toiseachnan 40an agus bha ùidh mhòraige cuideachd ann an spòrseile leithid bogsadh, badminton,criogaid agus iasgach.

Ach b’ e camanachd a’ chiadghràdh aige agus thug e seachada’ chuid bu mhotha dhe bheathaa’ cur taic ris a’ ghèam, mar rèi-tire agus as dèidh sin mar rù-naire/ionmhasair Comann naCamanachd fad dusan bliadhna.Bha e dha-rìribh na shamhla airna bha am facal “amatair” a’ cial-lachadh agus aig àm an uair a thaan gèam na sheasamh airstarsach linne, inntinnich ùire,‘s cinnteach gum bi a bheatha nadheagh eisimpleir don gh-inealach a tha a’ tighinn as adhèidh cuideachd.

B ha e tàmailteach a chluin-ntinn gu bheil ComannMhicAmhlaigh air an Cu-

pa aca a tharraing a-mach à clàrnam farpaisean airson an t-seu-sain a tha romhainn.

Mar phàirt dhen ghluasad guseusan 35-seachdain, bha Co-mann na Camanachd a’ faireach-dainn nach b’ urrainn dhaibh suasri ceithir deireadh sheachdaineana chur mu seach airson an Cu-pa a chluich agus mar sin chaidha mholadh gun rachadh e air ad-hart air an aon latha san Òbaneadar na sgiobannan as fheàrr bhocheann a tuath agus ceann a deasna h-Alba.

Airson an latha a dhèanamhnas tarraingiche bhathas a’ mo-ladh Cuairt Dheireannach SgiathLunnainn a chluich cuideachd lecamarathan telebhisein anlàthair airson na geamachan achraoladh, ach as dèidh beach-dan nan sgiobannan a shireadh,cho-dhùin Comann MhicAmh-laigh gum b’ fheàrr leotha an Cu-pa a tharraing air ais.

Tha iad dì-beathte sin adhèanamh ach tha e a’ coimheadcoltach gun do ghabh buill a’chomainn am moladh san t-sròin oir a-mach às na còigsgiobannan a thug seachadbeachd bha triùir an aghaidh a’mholaidh agus a dhà air a shon,a’ dearbhadh nach robh beachdlàidir ann taobh seach taobh.

Bhiodh e air a bhith fada nab’ fheàrr dhaibh gabhail ris an t-suidheachadh ùr san eadar-ama,duilich ‘s gu bheil e, agusfeuchainn ri tilleadh air aisthuige an ceann bliadhna no dhàeile an uair a bhios an clàr-cluiche ùr air socrachadh.

A rèir choltais chan eil iad a’dol a dh’atharrachadh am beachdach tha an t-Àrd Oifigear ùr airleigeil fhaicinn gu bheil e airsonbruidhinn riutha a-rithist agusbhiodh e math nan rachadh acaair rèiteach a ruighinn.

Le Ailig O’Henley

Duilleag na camanachd

Oifigear ùr dol a thoirt gnè nasproifiseanta air obair na buidhne

Briseadh-dùil andèidhchaidhfarpaiscupa a

tharraingair ais

An Comann ag amas air barrachd àitea thoirt dhan Ghàidhlig

A’ curcuimhne air “Batchen”

An ath thuras a chluicheas Alba anaghaidh Èirinn bidh am facal ‘Alba’ a’nochdadh air na lèintean aca

AGU/JAN/web 17/1/06 2:03 PM Page 7

Page 8: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

8 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006

C han eil duin’ againn nachdo shuidh deuchainn sansgoil agus tha a’ chuid

mhòr againn air deuchainn andràibhidh fheuchainn co-dhiùaon uair no ‘s dòcha dhà. Chaneil uair a thèid thu a dh’iarraidhiosad airgid bho bhanca nachfheum thu pàipear-deuchainngun chiall a lìonadh agus mìle ceista fhreagairt; cha mhòr nachfheum thu leud do bhròig agusdath do ghruaig innse. Tha sinna’ suidhe deuchainn ann an oilth-igh, tha sinn ag ullachadh airsonagallamh obrach, ach ‘s fhada bhobha mi a’ ceisneachadh ciamar a-rèist nach eil againn ri dhol tro

dheuchainn sam bith airson nah-obrach as cudromach a nì sinnnar beatha? ‘S e sin dreuchd a th’aig a’ mhòr chuid againn, teagh-lach a thogail. Ach a thaing a-nisdo Mgr Blair agus na Labaraich,faodaidh pàrantan a dhol dosgoil shònraichte gus sgileanionnsachadh a thaobh a bhith agàrach na cloinne. O dhuineghràdhaich nach robh làn thìd ann.Nach bochd nach robh i ann ri molatha, mus deach mi riamh air ant-siubhal. Bhithinn air a bhith deò-nach cìsean foghlaim a phàigheadhairson teisteanas a thoirt à leithidde sgoil.

Ach ged a tha mise ri maga-dh, chan eil càil a bheachd aigduine againn na tha de dh’uallacha’ tighinn an cois na cloinne gusam bi iad mu ar claigeann, agussaoilidh mi fhìn co-dhiù, nuair achì mi òigridh a tha ri mì-mhodh,gur e na pàrantan a tha còir ual-lach a ghabhail. Ach a bheil còirann pàrantan a pheanasachadhno càin a chur orra, mura cùm iadsmachd air an cuid cloinne? B’ echeist i gun teagamh, agus ‘s e sina tha riaghaltas ag innse dhuinn.

Cò mheud duine againn is urrainna ràdh le ar làmh air ar cridhe gubheil fios againn càit a bheil arpàist agus dè tha e no i ris nuaira tha iad a-mach às ar sealladh?An urrainn dhuinn a ràdh gu bheillàn earbs’ againn nach dèan iadleithid siud no leithid seo a rud,a dh’aindeoin na chaidhionnsachadh dhaibh dè tha ceartno ceàrr? Chan eil e cho furastaa bhith cinnteach gu bheil gachpàist a chaidh a dheagh thogaila’ fuireach modhail, no gachpàist a fhuair droch eisimpleir a’fàs crost.

Tha cuimhn’ agam bho chionnbhliadhnachan, Iain Major a’cur air adhart “Back to Basics” air-son teaghlaichean, agus saoilidhmi gur e seo a tha na Labaraicha’ feuchainn ri dhèanamh foainm eile. Tha mi fhìn ag aon-tachadh, tha còir aig teagh-laichean a bhith a’ suidhetimcheall a’ bhùird ag ithe còmh-la, tha còir aig màthraicheanagus athraichean tòrr a bharrachdùine a chaitheamh còmhla rin cuidcloinne, agus sin bho thè nach eilan-còmhnaidh aig an taigh agusan duine aice dàrna leth abheatha air rig-ola! Chan urrainndhuinn ach ar dìcheall adhèanamh. Oir mura bi spèis aiga’ chloinn do phàrantan, ciamara bhiodh spèis aca do dhuin’eile. Ach feumaidh sinne marphàrantan fhèin an dearbh spèissin a chosnadh. Obh, obh cuin atha an sgoil a tha siud a’ fosgladh!

Fhad ‘s a tha mi a’ beach-dachadh air cùisean ann an Taigh

nan Cumantan, chan urrainngun bruidhinn air mar a chaidhdha Teàrlach Ceanadach, aignach robh fìor bhliadhna mhathùr idir. Chan eil teagamh nach dorinn e mòran gus adhartas athoirt air a’ phàrtaidh aige tharnam bliadhnachan, ach mar a chìsinn nàdar mhic an duine cho fol-laiseach, far an deach laigsfhaicinn, tha am pàrtaidh airtionndadh air mar ainmhidheanleis an acras gus a chnàmhan aspiulladh. Chan ann a’ gabhailtaobh Theàrlaich a tha mi idir, thalaigs anns an duine a tha bithean-ta gu leòr am measg dhaoine, agusnach fhaic sinn tric gu leòr nacheil suim aig an dearbh laigse sinde dh’uaisleachd no ìsleachd.Tha e gu mòr an aghaidh Theàr-laich ge-tà nach do dh’aidich e bhochionn fhada gun robh trioblaidaige, oir b’ e bha aige ach obairle uallach, os cionn agus naeisimpleir dha daoin’ eile.

Co-dhiù anns an dealachadh,tha bliadhna air a dhol seachadbho bha an stoirm uabhasachagainn, agus bidh sinn a’ cuimh-neachadh le co-fhaireachdainn airgach duine dh’fhuiling agus annsa’ bhliadhna bhon uairsin thaiomadach tachartas cianail air àita ghabhail air feadh an t-saoghailagus faisg air an dachaigh. Sin mara bhios cùisean ach feumaidh sinncoimhead air ar n-adhart ledòchas a dh’aindeoin coltas Iranagus flu nan eun.

Cumaidh na tha sin cagnadhrinn airson greiseag.

Cathaidh Màiri Nic a’Mhaoilein

T ha Riaghaltas na h-Alba a’beachdachadh air sgea-ma ùr a bheir an cothrom

do dh’eileanaich siubhal airplèana aig prìs nas saoire.

Ma thèid gabhail ris, bidh ea’ ciallachadh gum bi na daoinea tha a’ siubhal bho na h-eileanan gu tìr mòr a’ faighinnìsleachadh air prìs nan ticeadan.

Chan eil fhios aig an ìre-sa dècho mòr ‘s a bhios an lùghdachadhno cuin a thèid a stèidheachadh.

A rèir ball-pàrlamaid nanEilean Siar, Alasdair Moireasdan,leanaidh seo gu barrachd ‘s bar-rachd dhaoine a bhith a’ siubhalair plèana.

“Tha Riaghaltas na h-Alba agobair air an-dràsta,” thuirt e.“Chan e naidheachd mhòr sambith a tha ann gu bheil mi air a

bhith ag obair còmhla ri naministearan còmdhala, NicolStephen is Tavish Scott, gusfeuchainn ri cosgais siubhailsan adhair eadar na h-eileananagus tìr-mòr a thoirt sìos.

“Tha fios ‘am gu bheil TavishScott, mar eileanach a tha ri-ochdachadh Sealtainn, ag aith-neachadh an fheum airsonsiubhal san adhair a dhèanamhnas saoire agus tha an Riaghal-tas ag obair air moladh inntin-neach a bhios a’ cruthachadhsuidheachadh fàbharach dhaeileanaich, a’ ciallachadh nuaira cheannaicheas thu ticead air-son siubhl bho na h-eileanan gutìr-mòr gum bi e nas saoire nama thu a’ tighinn bho tìr-mòrchun nan eilean.”

T ha e coimhead coltach gubheil gnìomhachas a bhauairigein air leth bithean-

ta anns na h-eileanan dol adh’ath-bheothachadh ann anLeòdhas.

Tha dùil gu fosgail Com-panaidh Feamainn Innse Gall fac-taraidh ùr ann an Airnis faisg airSteòrnabhagh as t-earrach-satighinn.

Tha iad an dòchas còrr air du-san tonna de dh’fheamainn fh-luich ullachadh gach là. Bheir sinndhaibh mu dhà thonna gu lethden stuth thioram as urrainneara reic.

Thèid a reic fo bhratach or-ganach airson a chur gu feum marthodhar, mar bhiadh airsonbeathaichean agus airson rud risan canar “alginate”, stuth a bhiosa’ nochdadh ann am iomdach rud,mar siabann.

‘S e dà fhireannach à sgìre nanLoch, Calum MacRath is Màr-tainn MacLeòid, a tha air cùlaibhna h-iomairt.

Thuirt Mgr MacLeòid (30):“Bidh sinn a’ coimhead airson nasurrainn dhuinn de dhaoinefhaighinn airson gearradh. Mathèid cùisean gu math ‘s dòchagum faigh sinn air obair a thoirtdha grunn dhaoine.”

B’ àbhaist gnìomhachas na fea-mad a bhith air leth bitheantaanns na h-eileanan, le dà fhac-taraidh ann an Uibhist fhèin.

Ach, lagaich an t-iarrtas agusbha e na bu shaoire dha com-panaidhean feamainn fhaighinnbho thall-thairis, a’ ciallachadhnach eil cus idir air a bhith dolair adhart san sgìre san fhicheadbliadhna a dh’fhalbh.

Faraidhean saoraair fàire?

Gnìomhachas na feamad dol a

dh’ath-nuadhachadh

AAiirr cchhuuaaiirrtt ttrroo nnaa hh--eeiilleeaannaann

C haidh sgeama airgidpoblach prìbheiteach luach£52 millean airson sgoil-

tean nan Eilean Siar a’ leasachadha chur gu Riaghaltas na h-Albaan t-seachdain a chaidh.

Tha Comhairle nan Eilean Siaran dòchas co-dhùnadh fàb-harach fhaighinn an ath mhìos,le dùil gun tèid an obair togaila thòiseachadh ann an 2007.

Tha grunn dhuilgheadasan airthighinn ma choinneimh nacomhairle ann a bhith a’ leas-achadh na pròiseict — an fhearas motha ‘s e nach tàinig ùidh sambith bho roinn phrìbhiteach airsgàth ‘s cho ìosal is a tha luachan fhearainn agus toglaichean.

An dèidh còmhraidhean achumail leis an riaghaltas ghlu-ais a’ chomhairle gu companaidhsònraichte a stèidheachadhdhaibh fhèin, a bheir dhaibh ancothrom a chur air adhart marghrunn chùmnhantan beagaseach aon mhòr.

Tha an cùmhnant a’ gabhaila-staigh còig diofar phròiseactangu lèir — bun-sgoiltean ùr annam Baile a’ Mhanaich is taobhsiar Leòdhais agus leasachaid-hean aig Sgoil ‘Ic Neacail ann anSteòrnabhagh, Sgoil Sir E Scottair an Tairbeart agus SgoilPhabail san Rubha.

Thuirt stiùiriche an fogh-laim aig a’ chomhairle Mur-chadh MacLeòid: “Tha e air abhith duilich a thoirt chun ìre seoagus tha e air ùine mhòr athoirt. A’ gabhail ris gu faigh sinnfreagairt fàbharach sa Ghearranghluaiseadh sinn chun ath ìre anna bhith dealbhadh a’ chùmhnaint.Nochdaidh na sanasan airsoncompanaidhean an uairsin, thami creidsinn, sa Ghiblean.”

Dh’innis Mgr MacLeòid gunrobh e duilich a ràdh le cinnt cuina thòisicheadh an obair togail, ach“‘s iongnatach mura eil thu coim-head ri 2007”.

Pròiseact nan sgoilteanann an làmhan an

Riaghaltais

T ha fèis bhliadhnail bhàr-dachd gu bhith air a cumailann an Èirinn ann an dà

mhìos eile nuair a bhios cothromaig sgrìobhadairean Gàidhlig du-aisean luachmhor a bhuan-nachadh.

Thèid Feis Eadar-nàiseantaBàrdachd Bhéal Atha na mBuil-li — a tha a’ faighinn taic bhoIomairt Chaluim Chille — a churair adhart sa Ghiblean do bhàirdGhàidhlig, Gaeilge no Mhanan-nach.

Tha a’ phrìomh dhuais luach4000 Euro agus tha an fharpaisa’ tairgsinn dhuaisean do bhàirdaig ìre nach fhaicear mar as triceach ann am farpaisean Beurla. Thaan dàrna duais luach 2000 Eu-ro agus treas duais 1000 Euro.Thèid geàrr-liosta de shianarainmeachadh, agus gheibh gachaon dhiubh 450 Euro nuair aleughas iad aig an fhèis.

Tha an dà bhreitheamh ammeasg nan sgrìobhadairean as ain-

meile ann an saoghal bàrdachdnan Gàidheal, Nuala Ní Dhomh-naill à Èirinn agus Aonghas Mac-Neacail à Alba. Tha an fharpaisa’ dùnadh air an 15mh denGhearran

Thuirt stiùiriche na fèis Pad-dy Bushe: “‘S e Duais Choilm Chilledòigh air an inbhe de bhàrdachda tha air a sgrìobhadh ann anGaeilge is Gàidhlig na h-Alba ain-meachadh, agus sealltainn choaonaichte ‘s a tha iad. Tha seo aira chomharrachadh anns na du-aisean fialaidh a thatar a’ tabhannagus anns a’ chliù a tha aigbritheamhan na bliadhna, a thafìor aithnichte nan dùthchannanfhèin, agus a tha saoilsinn mòrande obair càch a chèile.

“Dh’iarrainn-sa air a h-uile bàrdGhàidhlig, gur bith dè an aois noeòlas, pàirt a ghabhail sanfharpais seo.”

Gheibhear tuilleadh fios-rachaidh aig www.strokestown-poetryprize.com.

Duaisean luachmhor ann am farpais bàrdachd

T ha An Comunn Gàid-healach air ainmeachadhgur e Calum Iain MacLeòid

a ghabhas a-nall dreuchd anàrd-oifigeir.

‘S ann à Nis ann an Leòdhasa tha Mgr MacLeòid (48) agus thae an-dràsta ag obair dha Seirb-heis nam Meadhanan Gàidhligmar rianaiche. Tòisichidh e sandreuchd ùr sa Mhàirt. Tha epòsta le dithis de theaghlach.

A thuilleadh air a bhith na ri-anaiche, bha Mgr MacLeòid marchomhairliche air Comhairle nanEilean Siar fad ceithir bliadhna.

Thuirt neach-gairm nacomhairle, Aonghas Dòmhnallach:“Tha sinn fìor thoilichte CalumIain MacLeòid fhaighinn mar àrd-oifigear. Tha sinn a-nis a’ coim-head air adhart ri obair a’Chomuinn Ghàidhealaich, a’Mhòid Nàiseanta Rìoghail agusA’ Ghàidheil Ùir a thoirt air ad-hart ann an co-bhoinn le arluchd-obrach, ar n-oifigearan,buill a’ Chomuinn air feadh an t-

saoghail agus na prìomhbhuidhnean ann am Breatainnagus thall-thairis a tha toirt taicdhuinn.

“Tha Calum Iain aithnichte annan coimhearsnachd na Gàidhligagus tha sinn a’ coimhead ris natha fa-near dhuinn san àm riteachd fo a stiùir le aoibhneas.”

Thuirt Mgr MacLeòid: “Thami gu mòr a’ coimhead air adhartri bhith na m’ àrd-oifigear air a’Chomunn Ghàidhealach. Thadeagh thraidisean uasal aig a’Chomunn ann a bhith a’ leas-achadh a’ chànain Ghàidhligagus a’ chultair bhon chaidh astèidheachadh san Òban ann an1891 agus tha mi a’ coimhead airadhart ri bhith a’ leasachadh nabuidhne sna bliadhnachan rithighinn.”

‘S e am Mòd Nàiseantaprìomh thachartas a’ Chomuinnagus tha 2,300 ball aca air feadhan t-saoghail, le còignear agobair làn-ùine.

Àrd-oifigear ùr a’Chomuinn Ghaidhealaichair a thaghadh

Cùrsaichean Gàidhlig.Bidh Clì Gàidhlig a’ cumail cùrsaichean Gàidhlig ann

an Steòrnabhagh air an ath mhìos. Thèid na cùr-saichean seo air adhart air Disathairne an 11mh denGearran agus Disathairne 18mh den Gearran. ‘S ecùrsaichean còmhraidh a bhios an seo do luchd-

ionnsachaidh na Gàidhlig, aig ìre sam bith.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho ManaidsearChùrsaichean,

D I Mac an t-Saoir:Fòn: 01463 226 710 post-d: [email protected]

A’ tionndadh na prosbaig air cudromachd an teaghlaich

AGU/JAN/web 17/1/06 2:03 PM Page 8

Page 9: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

M ar stoirm air fàire, thafathannan is fios-rachadh mu Flù nan

Eun a’ sìor thighinn thugainn, ‘schan ann math a tha e a’ coim-head.

Tha e mar feuchainn ricaoraich a chrodhadh gunchù: aon uair ‘s gum faigh thufichead cruinn, ruithidh tèagus siud agad an treud a-rithist sgaoilte, sgapte.

Bha e an toiseach san Ear,thall timcheall Thailand ‘sna dùthchannan sin, achmean air mhean tha e dìreadhno cromadh a-nall an seo, agusa-nis anns an Tuirc air oir naRoinn Eòrpa.

Chan e an tig e ach cuin athig e a’ cheist agus — aircùlaibh sin — a’ cheist asmotha: saoil an atharraich egnè, mar a tha eagal aireòlaichean, gu bhith naghalar a sgaoileas o neach guneach, seach o chearc guneach?

Ma thachras sin, bidh sinnuile ann an suidheachadh gutur-eadar-dhealaichte (aguseagalach) ‘s againn ridèiligeadh ris an rud sin risan can iad pandemic dè flù atha, a rèir gach fiosrachaidha tha againn, marbhtach.

Chan eil sìon a dh’ fhiosagamsa a-bharrachd airneach sam bith eile an tachairno nach tachair sin, ach thami guidhe do Dhia nachtachair.

Tha fhios gu bheil a’ chùisa’ toirt a-steach òirnn uile chobeag ‘s a tha an saoghal mòra-nis: mar aon bhaile ocheann gu ceann, ‘s mabhuaileas fuachd aon cheanndhen bhaile, faodaidh tu abhith cinnteach gum bi sin naghalar aig ceann eile a’ bhaileann an ùine nach eil fada.

Gu ìre, ge-tà, bha ansaoghal riamh mar sincuideachd, ‘s cha bu chòirdhuinn sin a dhìochuimh-neachadh. Ri linn nan Cru-sades, mar eisimpleir, charobh galar anns an Tuirc nachrobh na saighdearan sin a’toirt leotha air ais dhachaightron Roinn Eòrpa.

Nuair a ràinig na SpàinnichMeagsaco nan Aztecs anns a’chòigeamh-linn-deug nachdeach na mìltean dedh’Innseanaich a mharbhadhle galaran a thug na Con-quistadors leotha às an RoinnEòrpa — ‘s e sin an fheadhainnnach robh iad air marbhadhcheana leis a’ chlaidheamh.

Nach tug na galaran a thugna daoine geala leotha a dh’Aimearagaidh am bàs dha naceudan mhìltean dhe na h-Innseanaich Ruadha nuair aràinig Columbus is WalterRaleigh is an còrr.

‘S cha bu chòir dhuinndìochuimhneachadh gunrobh e ag obrachadh an taobheile cuideachd, ‘s cunntasangu leòr ann am beul-aithris ‘sann an eachdraidh nan Gàid-heil mu na galaran marbhtacha thug coigrich air tìr nardùthaich fhèin.

Cho drùiteach ri gin dhi-ubh tha an sgeul mun ghalar— cholera tha iad an dùil —a thàinig air tìr còmhla riseòladairean Eòrpach a chuir

casan air talamh faisg airDhùn Bheagain san EileanSgitheanach anns na 1640an.

Am measg nan truaghanana ghlac an galar bha seachd-nar dhe na mic òga aig a’phìobaire Pàdraig Mòr Mac-Cruimein, ‘s ri linn an uabhaischaidh a’ phìobaireachd ascumhachdaiche a th’ ann“Cumha na Cloinne” fhàgailagainn.

A-rithist ann an Hiort iseile tha cunntas air a leithid,le na tùsanaich a’ fulang gumòr nuair thigeadh tinneascoimheach a-steach nammeasg air nach robh an corpeòlach.

Tha mi creidsinn gur e andealbh a tha a ’ t ighinnthugam cho cheangailte richèile (seach cho sgaraichteno cho fada air falbh bhochèile) ‘s a tha sinn san t-saoghal seo. Tha e a’ cur namchuimhne nach urrainndhuinn dìreach ballachan àr-da dìon a chur eadar sinn fhìnagus an saoghal mòr, ann anoidhirp rudan dona no “olc”a chumail a-muigh.

Nach eil an soisgeul fhèinag ràdh gum fàs an cogalagus a’ chruithneachd còmh-la, agus nuair thàinig naseirbhisich chun a’ Mhaigh-stir a dh’fhaigneachd dha “Anàill leat gun tèid sinne agusgun cruinnich sinn ri chèileiad?” thuirt am Maighstir,“Chan àill; air eagal nuair achruinnicheas sibh an cogal,gun spìon sibh a’ chruith-neachd maille ris. Leigibhleotha fàs araon gus an tig amfogharadh: agus ann an àm anfhogharaidh their mise risan luchd-buain, ‘Cruin-nichibh air tùs an cogal, agusceanglaibh e nacheanglaichean a-chum a los-gadh: ach cruinnichibh a’chruithneachd dom shabhal.”

Tha e follaiseach nach eteachdaireachd idir a tha seoo Chrìosd dìreach cùiseandona no olc fhàgail mar a thaiad, gun sabaid nan aghaidh,oir ann an grunn àiteachaneile san t-soisgeul (mar eisim-pleir, nuair a thilg e fhèinbùird an luchd-malairt thairisanns an teampall) tha e glèfhollaiseach gu bheil uallachis dleastanas òirnn uileseasamh an aghaidh an uilc.

Ach tha e a’ ciallachadhnach urrainn dhuinn dìreachar speal fhèin fhaighinn, margum biodh, airson nannithean a tha sinne a’ measmar chogall a bhuain às an ta-lamh mar a thogras sinn, nu-air a thogras sinn. Tha e a’ciallachadh — dhòmhsa co-dhiù — nach robh ceadmoralta no eile aig naStàitean Aonaichte — no aigBreatann — falbh a dh’Iorag,mar eisimpleir, le speal mhòr(ris an can iad B52 Bombersagus “Shock and Awe”) a churàs dhan olc, mar a bha.

Ach nuair a thig e gu tin-neas, mar Flu nan Eun, chaneil teagamh agam a-bhar-rachd gu bheil uallach agusdleastanas mòr moralta òirnnchan e a-mhàin sinn fhìn ach(cho fad ‘s a tha e nar comas)an saoghal gu lèir a dhìon onghalar marbhtach seo.

Tha sin a’ ciallachadh dru-gaichean iomchaidh a sheasasan aghaidh a’ ghalair adheasalachadh chan ann a-mhàin do shluagh narìoghachd seo, ach cuideachddha na daoine bochd airfeadh an t-saoghail a bhiosann an cunnart uabhasach masgaoileas an galar.

‘S ann air sgàth sin a bhami air-leth toilichte fhaicinnan t-seachdain seo chaidhgun robh an t-Aonadh Eòr-pach, mar eisimpleir, airdeagh shuim airgid a chur guaon taobh airson a thoirt dona dùthchannan bochda anaghaidh Flù nan Eun.

Tha sin math agus tha emath fhaicinn, oir bha guleòr airgid ann airson CogadhIoraig — airson bomaicheanis eile.

Nach math nan rachadhagainn air an Cogadh anAghaidh Ceannarcais a thion-ndadh dha-rìribh na Chogadhan Aghaidh Bochdainn.

Chan eil na h-àireamhanagamsa an-dràsta an seo gumionaideach, ach tha fhios’ amair aon rud: nan cosgadh anSaoghal Leasaichte leth dhenairgead a tha sinn a’ cosgan-dràsta air Armachd airBochdainn agus Slàinte agusBiadh, gun cuireadh sinn àsdha na trì nàimhdean mòra sincha mhòr ann am priobadh nasùla.

‘S an àite Cumha naCloinne ‘s ann a bhiodhagainn, ann am pàirt co-dhiù,an duan sin eile a rinn Lach-lann mac Theàrlaich Òig anlatha a shiubhail e an sliabh‘s a choinnich e chan ann leBochdainn is Bàs is Acrasach le Iochd is Gràdh isFiùghanas:

”Latha siubhal slèibhe dhomh‘S mi falbh leam fhèin gudlùth,Gun chuideachd anns an as-tar sinAch gunna glaice ‘s cù,Gun thachair clann riumanns a’ ghleannA’ gal gu fann chion iùil:Ar leam gum b’iad a b’ àillidhdreachD’ am facas riamh le m’ shùil.

Gur iongnadh leam mar thàr-la sibhAm fàsach fad’ air chùl,Coimeas luchd bhur n-aghaidheanGun tagha de cheann iùil;Air beannachadh neo-fiatadhomhGun d’ fhiaraich mi, “Còsibh?”Fhreagair iad gu cianail miAm briathraibh mìne ciùin.

“Iochd, is Gràdh, is Fiùghan-tasNar triùir gum b’ e ar n-ainm,Clann dhaoin’ uaisle cùra-machA choisinn cliù ‘s gach ball;

Nuair phàigh an Fhèile cìs doneug ‘S a chaidh i fhèin air chall,Na thiomnadh dh’ fhàg ar n-athair sinnAig maithibh Innse Gall.”

Nach mòr ar dìleab agus arcothrom san t-saoghal.

An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006 9

BeachdAn Gàidheal Ùr

Nach eil gu leòr ann an InbhirNis cheana, gun iad a bhith agiarraidh prìomh oifisean agusluchd-obrach na seanal ùrdigiteach Gàidhlig cuideachd?

Nach eil prìomh oifiseanOilthigh na Gàidhealtachd,agus prìomh oifisean Iomairtna Gàidhealtachd, agusprìomh oifisean Bòrd naGàidhlig agus prìomh oifiseanDualchas Nàdar na h-Albaagus mìle prìomh oifis eile acacheana, gun iad a bhith ag iar-raidh tuilleadh airson “wine-bars” Inbhir Nis a lìonadh nasmotha buileach?

Nuair a thig e gugnìomhachas sam bith, ‘s e ampàtran daonnan gu bheil ammeadhan an-còmhnaidh a’slugadh a’ chumhachd thuigefhèin, a’ fàgail an iomaill lagagus an urra ri na criomagan,agus ‘s e pàtran a tha sin a thaair milleadh mòr a dhèanamhair a’ Ghàidhealtachd is eile trona linntean.

Riamh bhon sgaoil Tig-hearnas nan Eilean, tha am pà-tran seo air a bhith follaiseach,agus air cron uabhasach adhèanamh òirnn. Na Rìghre-an ann an Dùn Èideann agusan tuath ann am bochdainn. A’chumhachd ann an Westmin-ster, agus a-nis ann an Holy-rood, agus ged a tha bruidhinngu leòr air a bhith ann mu dhei-dhinn cumhachd a sgaoileadha-mach dha na sgìrean ioma-llach, chan eil fianais mhòr sambith gu bheil sin a’ tachairt guìre reusanta sam bith.

Nach e sin a bha ‘Devolu-tion’ — agus am feallsanachda bha air a chùlaibh — a’ cial-lachadh? Gun rachadhcumhachd a sgaoileadh a-mach air feadh Alba, dha nasgìrean dùthchail agus ioma-llach, seach dìreach a bhithdaingnichte anns a’ bhailemhòr?

Sin pàirt dhen adhbhar atha sinne aig A’ Ghàidheal Ùrag argamaideachadh gum buchòir prìomh oifisean — agusle sin luchd-obrach — anseanal telebhisein Gàidhlig abhith stèidhichte anns na h-eileanan an iar. Tha sin cud-romach a thaobh feallsanachdagus tha e cudromach marshamhla gu bheil ‘devolution’dha-rìribh aig cridhepoileataigs na rìoghachd seo.

Ach chan eil an sin ach pàirtdhen adhbhar. ‘S e am pàirt eiledìreach gu bheil fada bhar-rachd feum eaconomach aig nah-Eileanan an Iar air na h-oifisean agus an luchd-obrachseo, na tha aig Inbhir Nis.

Mar tha fhios againn uile,tha na h-Eileanan Siar air abhith a’ sileadh sluagh a-nis ochionn deagh ùine, agus thacruaidh fheum againn airobraichean mhath a bhith airan starsnaich againn.

Ma tha ar cànan agus arcultar idir gu bhith beò, feu-maidh sinn òigridh adh’fhuiricheas anns na h-eileanan, agus airson sin

tachairt feumaidh cosnadh —agus deagh chosnadh – a bhithromhpa. Cosnadh dhe gachseòrsa: a’ togail muilnean-gaoithe aig Airnis (adan buid-he ann no às); a’ deànamhphrògraman telebhisein isrèidio; obair turasachd; a’tionail feamainn airson anionaid ùr seo a tha dol a dh’fhosgladh am-bliadhna, agusobair oifisean cuideachd, aiggach ìre, mar a gheibheadhdaoine aig seanal digiteach.

A-nis, tha sinn ag aith-neachadh gu bheil Inbhir Nistarraingeach ann an iomadachdòigh ‘s gu bheil goireasan glèmhath ann (a-bharrachd air nastòpan-fìona!), ach chan eHiort buileach glan a th’ annan Steòrnabhagh a-bhar-rachd! Tha port-adhair, isaiseagan, is fònaichean is post-dealain againn dìreach mar ath’ aca ann an Inbhir Nis, agustha Comataidh Craolaidh naGàidhlig is eile air dearbhadhcheana thairis iomadach bli-adhna gun tèid agad airgnìomhachas, digiteach noeile, a ruith anns na h-eileanan.

Tha sinn ag aithneachadhcuideachd gu bheil taobh eileair a’ cheist: ma tha sinn chomòr sin a thaobh ‘devolution’carson nach tèid sinn fad anrathaid agus nach mol sinn guntèid na prìomh oifisean airsonseanal digiteach a-mach gu nasgìrean as iomallaichebuileach — a Nis, can, no a dh’Èireisgeigh.

Cha bhiodh sìon againne anaghaidh na h-oifisean seo a dhola dh’ àite sam bith anns na h-Eileanan Siar. Bhiodh iadmath agus feumail anns gachàite, ach on a tha bunaitcheana ann an Steòrnabhagh— ‘s e sin ri ràdh na h-oifiseanagus an luchd-obrach aigSeirbheis nam MeadhananGàidhlig — chan eil sinn a’faicinn adhbhar mòr ciallachsam bith a’ bhunait sin a gh-luasad a dh’ àite sam bith eile,ge brith an e Inbhir Nis noHiort.

Tha iomadach nì nach dothachair ann an craoladhGàidhlig anns na bli-adhnachan a chaidh seachad,ach chan urrainn neach sambith a ràdh gur e as coireachri sin gun robh prìomh oifiseanan CCG agus SMG ann anSteòrnabhagh. Ma tha sinn air-son coire ainmeachadh, coim-headamaid a-rithist guCowcaddens is eile, far andeach saoghal craolaidh naGàidhlig a chreach.

As dèidh spàirn mhòr nambliadhnachan tha sinn a’ curfàilte mhòr air seanal telebhi-sein Gàidhlig, agus a’ coimheadair adhart ri luchd-obrach naseanail sin a bhith nar measg.A-nise, cò tha dol a dh’ fhos-gladh a’ chiad “wine-bàr”, lecanapes, air Sràid Chrom-baidh?

A’ sireadh làmh an uachdair annan iomadach cogadh marbhtach

Le Aonghas Pàdraig Caimbeul

A’ leantainn air a’ chuspair a bh’ aig Aonghas PàdraigCaimbeul “A’ meòrachadh air feallsanachd nàiseantana h-Alba” (An Gàidheal Ùr, Dùbhlachd 2005),dh’fhairich mi gun robh agam ri puing no dhà a churris a’ phìos aige. Tha mi fhèin nam “eadar-nàisean-tach” cuideachd; tha mi a’ creidsinn gum bu chòir dodh’Alba a bhith na dùthaich àbhaisteach seach sgìreann am Breatainn. Tha aon rud cinnteach, fhad ‘s thaAlba air a cumail air ais (‘s “mar phàirt” na faclan ceart,nach e?), cha bhi an dùthaich càil nas eadar-nàisean-taiche. Thachair mi ri tagraiche pàrlamaid san Òban anns a’Chèitean. Bha i a’ seasamh airson nan Làbarach. Thuirtmise rithe gun robh mi a’ creidsinn ann an Alba, gumbu chòir dhuinn a bhith neo-eisimeileach. Arsa ise gun

robh i na h-eadar-nàiseantach ach nuair a dh’fhaigh-nich mi dhi ciamar a bha Alba gu bhith nas eadar-nàiseantaiche às aonais cumhachd mar dùthchannansam bith eile, chùm i samhach. Agus airson na ceist a bh’aig Aonghas Pàdraig, tha Càr-labhagh nas dlùithe ri Carluke a chionn ‘s gu bheil iadanns an aon dùthaich! No an e “sgìre” a bu chòir dhomha ràdh? Bidh Aonghas Pàdraig ag innse dhuinn gu bheilNizhy Novogorod dlùth ri Northampton anns an ath phìosaige. Tha mi a’ coimhead air adhart ris!

Gach deagh dhùrachd,Dòmhnall MorrisAn t-Òban

L I T R I C H E A N

“Nach math nan

rachadh againn

air an Cogadh

an Aghaidh

Ceannarcais

a thionndadh

dha-rìribh na

Chogadh an

Aghaidh

Bochdainn.

AGU/JAN/web 17/1/06 2:03 PM Page 9

Page 10: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

103.5 - 105 FM

“Ello, ello, ello— dè tha dolan seo? “

A ir Diardaoin 26mh AmFaoilleach air BBC2 Albatha prògram comadaidh ùr

a’ tighinn thugaibh! Leis chosoirbheachail ‘s a bha sgeid-sichean PC Alasdair Stiùbhairtanns a’ chomadaidh Air Ais AirAn Ran Dan, tha e air sreath ùrcomadaidh fhaighinn dha fhèin,a’ toirt sùil air beatha poileasmainanns na h-eileanan.

Tha cruth nam prògramanmar, mar a chanas iad, “mock-umentary”; mar sin tha fear ca-mara ‘s fuaim còmhla ri PCAlasdair fad an t-siubhail, a’glacadh gach mèirleach, mì-mhodh ‘s fealla-dhà air camara.Eadar còmhlan ciùil a’ goid gu-ga gu caoraich air an toirt air falbhle “aliens”, chan eil beatha poileas-main air Eilein Lunnasaigh furas-ta.

Chaidh an t-sreath a sgrìob-hadh le Robbie Fraser agus Daib-haidh Walker — cuideachd ‘s eRobbie a bha na Stiùiriche agusa chluich Daibhidh, pàirt PCAlasdair. Chì sibh cluicheadaireanmar Dolina NicIllFhinnein, SimMacCoinnich, Ceit Kearney,Marissa Dhòmhnallach, Derek“Pluto” Moireach, ‘s fiù ‘s AndyCameron a’ gabhail pàirt anns naprògraman!

Tha PC Alasdair Stiùbhartair gluasad air falbh bhonchomadaidh àbhaisteach a bhios

a’ cleachdadh sgeidsichean, lecruth ‘s cuspairean ùra nach fha-ca ron seo ann am prògram co-madaidh Gàidhlig.

Feuch gun còrd e ribh!

T ha cuimhne mhath agamfhathast air an latha a bhasin. Goirid ron Nollaig, san

oifis làn de luchd obrach a’feuchainn rin cuid obair làitheila dhèanamh, ‘s mise nan teis-mheadhan a’ riasladh ris a’ pho-tocopier (no an ‘leth-bhreacadair’mar a theirear cuid). Bha mi annairson aon adhbhar. A’ dèanamhleth-bhric Chan e aonan a-mhàin,no fiù ‘s deich no ceud, ach mìle— còrr ‘s mìle, TRÌ mìle! Carson...?Uill, ‘s i ceist eile a tha sin.

Thòisich e air an t-siathamhlatha dhen Dàmhair an-uiridh.Dhuibh-se aig a bheil deaghchuimhne, bidh fhios agaibh gure latha nàiseanta na Bàrdachd abha sin. An latha sin, air Aithrisna Maidne, bha mi fhèin an sàsann a bhith a’ cur air bhog rudair an tug sinn, “Gun Dèan MiRann”. Bha sinn ag amas air bàr-dachd tur ùr fhaighinn saGhàidhlig. Bàrdachd sam bith airiomadach seòrsa cuspair... ghab-hadh sinn rud sam bith, eadar gaolagus cogadh. Bha an crann-tàralaiste, ‘s cha robh againn ach rifeitheamh airson freagairt.

Nach sinn a fhuair e. Bha an

fharpais a’ ruith airson ochdseachdainean, agus mun àm a bhaan ceann latha air tighinn, air andàrna latha dhen Dùbhlachd,bha còrr ‘s SIA CEUD pìos bàr-dachd againn bho chòrr ‘s CEI-THIR CHEUD bàrd! Bha emìorbhaileach, agus dìreach mara bha sinn a’ miannachadh bhothùs, bha deagh sgrìobhadhagainn air iomadach cuspair.Feumaidh mi ràdh, gur e clannna bun-sgoil bu mhotha a thugtlachd dhomh fhèin.

Seall air na h-àireamhan. A-mach às an t-sia cheud dàn a fhuairsinn, thàinig a’ mhòr, mhòrchuid...còrr ‘s trì cheud bhochlann na bun-sgoile... agus thamac-meanmain ann an cuid dhi-ubh a tha smaoineachail.

Tha sin a’ fàgail obair mhòr aigna britheamhan againn... Aong-has Phàdraig Caimbeul, JoinaNicDhòmhnaill, agus DòmhnallIain Macleòid. Tha an obair aigDòmhnall Iain air a bhith nasmotha buileach, agus e air abhith a’ leughadh nan dàn naleabaidh san ospadal, far an robhe fad sheachdainean às dèidh dhaa dhruim a leòn ann an tubaist

trèana ron Nollaig. Taing mhòrdha airson sin.

‘S iad na britheamhan ma-thà,a dh’fhàg mi a’ riasladh leis a’ pho-tocopier. Bha agam ri leth-bhreaca dhèanamh dhaibh uile dhan h-uile dàn...agus cuid eile a bhar-rachd. Aig an àm, bha mi a’smaoineachadh: “Obair guntlachd a th’ anns a’ photocopying”,agus chan eil mi air m’ inntinnatharrachadh air a’ chùis. ‘Sdòcha gum bi, ged-tà, air a’chòigeamh latha fichead dhenmhìos. Sin Latha Burns, nuair adh’fhoillsicheas sinn air Radio nanGàidheal cò a th’ air na duaiseana ghleidheadh. Bidh mi fhèin ansàs a-rithist air prògram sònraichteaig leth-uair às dèidh còig an oid-hche sin, far am faigh sinn a-mach.‘S dòcha gun atharraich mi m’ in-ntinn an uairsin, ‘s gun coimheadmi air ais air latha a’ photocopi-er le tlachd agus taingealachd. Car-son...? Uill, co aig a tha fios, madh’fhaoidte gum bi sinn air cuidde sheudan falaichte na Gàidhliga thoirt am bàrr, ‘s a chur air gh-leans.IIaaiinn MMaacc IIllllEEaatthhaaiinn..

Còrr is trì cheud a’cur a-staigh airsonfarpais bàrdachd

B ha luchd-taic spòrs bhoair feadh na Gàidhealtachdairson gun cunntadh an

guth acasan anns a’ cho-fharpais,Soirbheachas ann an Spors 2005le BBC Radio Nan Gàidheal agusthairis air naoi lath’ san Dùbhlachdbhòt fìchead mìle, naoi ceud ‘s ah-aon deug. Bha gach farpaiseachairidh air an duais leis cho math‘s a rinn iad thairis air 2005 achan dèidh dha na bhòtaichean abhith air an cunntadh b’ e Sgio-ba nan Lochan a ghlèidh an du-ais.

Anndra Flintoff, AnndraMoireach agus Ellen NicArtair —cuid de na h-ainmean as mothaann an saoghal spòrs ann an 2005.Ach, tha gu leòr luchd-spòrsagus sgiobaidhean eile aig ìre coim-hearsnachd a tha air a bhith a’ toirttlachd agus adhbhar-còmhraidhdha daoine agus a tha a’ cosnadhcliù dhaibh fhèin anns an spòrsanns a bheil iad an sàs. Sin a bh’air cùlaibh a’ chiad sgèith a bhithdha thoirt seachad le BBC RadioNan Gàidheal airson soirb-heachas ann an spòrs 2005.

Tro bhith bruidhinn ri daoineann an diofar choimhearsnach-dan, lorg sinn luchd-spòrs achoisinn cliù dhaibh fhèin air a’bhliadhna chaidh seachad agus‘s iad Alasdair Dunlop, neach-ruithà Leòdhas, Gary Innes, sgiobairair sgioba camanachd a’ Ghear-asdain, Iain MacCorcadail,neach-ruith à Uibhist a Tuath agussgioba ball-coise na Lochan.

Tha Alasdair Dunlop air a bhitha’ ruith airson iomadach bli-adhna agus tha e air tiotalan abhuannachadh aig ìre ionadail,nàiseanta agus eadar-nàiseanta.Bhuannaich e an tiotal airson 800

agus 1500m aig Masters Alba aira’ bhliadhna a chaidh seachad aguscuideachd tiotal an t-saoghailairson fir thairis air 50 ann an SanSebastian san Iuchar.

Mar sgiobair sgioba Ca-manachd a’ Ghearasdain, ghlei-dh Gary Innes Cupa naCamanachd ann an 2005. Abharrachd air an sin bha e marphàirt de sgioba Alba a rinn a’chùis air Èirinn anns an Dàmhair.

Airson a’ chiad turas chuir nah-eileanan Siar sgioba de luchd-spòrs gu Geamannan Eileanan naCruinne ann an Sealtainn agusthug Iain MacCorcadail trì buinnumha dhachaigh leis airson nam1500m agus airson 4x100m agus4x400m. Tha e cuideachd a’ ri-ochdachadh Alba fo aois 23.

Bhuannaich sgioba ball-coisenan Lochan còig cupanan — nameasg Cupa Amateurach naGàidhealtachd agus na lìog. Dendà fhichead ‘s a trì gèam a chluichiad thairis air an t-sèasan cha dochaill iad ach trì.

Dh’inns aon de luchd-taicgach farpaiseach carson a buchòir dha daoine bhòtadh airsonan taghadh acasan. A bharrachdair an t-soirbheachais a bhaluchd-spòrs air cosnadh ann an2005, bha an luchd-taic a’smaoineachadh gu robh adhb-haran eile ann cuideachd bhòtadhdhaibh. Mhòl Iain GòrdanDòmhnallach Alasdair Dunlop air-son mar a bha e a’ brosnachadhna h-òigridh airson pàirt a ghab-hail ann an spòrs. Bha UisdeanMacGill’innein den bheachd gure deagh eisimpleir a bh’ ann anGary Innes air agus far na pàirce.Tha Iain MacCorcadail anns anoilthigh ann an Glaschu ach tha

e fhathast a’ sealltainn ùidh mhòranns an fheadhainn òg eile à Uib-

hist a Tuath a bhios a’ ruith agusbidh e gan cuideachadh nuair abhios e dol dhachaigh. A rèir Thor-moid MhicLeòid tha seo a’ toirtmisneachd mhòr dhan òigridh. Buchòir do sgioba ball-coise nanLochan a bhith pròiseil mu dhei-dhinn an dòigh anns a bheil iad

gan giùlain fhèin, gun mhì-mhodh sam bith agus tha Don-nchadh MacLeòid den bheachdgu bheil seo ga dhèanamh nastlachdmhoire buileach a bhith gancoimhead.

Gur math a rinn na farpaisichgu lèir agus tha mi an dòchas gum

bi 2006 a cheart cho soirb-heachail dhaibh uile ged a bhiodhe math nan dèanadh sgioba ball-coise Nis math cuideachd!

Co-fharpais spòrs air leth soirbheachail

A’ cumail rian ann an Lunnasaigh — am PCAlasdair Stiùbhairt. Obh, obh.

10 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006

PC Alasdair Stiùbhairt

Sgioba ball-coise na Lochan, a fhuairan duais

AGU/JAN/web 17/1/06 2:03 PM Page 10

Page 11: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

Comhairle nan Eilean Siar

C o m h a i r l e n a n E i l e a n S i a r

Ionad ùr airson rian an sgudailT ha mi an dùil gu bheil

sibhse a bhios a’ siubhalair Rathad nan Loch ann

an Leòdhas air mothachadhdhan togalach mòr, uaine a th’air a dhol suas gu math luathaig Pàirce Gnìomhachais naGrìde. Air an oidhche tha an to-galach seo a’ lasadh mòinteachAirnis ann an dòigh nach fha-cas a-riamh roimhe. Abair gumbiodh an ginealach de mhuin-ntir an eilein a bha cleachdteri bhith a’ coiseachd air ais ‘s airadhart air an dearbh mhòinticha bha sin air iongnadh a ghab-hail dhen t-sealladh iongantacha tha seo.

Anns a’ Mhàrt 2005 bhuan-naich an companaidh EarthTech cùmhnant bho Chomhair-le nan Eilean Siar gus dàghoireas rianachd-sgudail adhealbhadh agus a thogail.Tha am prìomh ghoireasdìreach air iomall baile Steòrn-abhaigh agus thèid an dàrna to-galach suas ann am Beinn naFaoghla. Bidh na goireasanùra a tha seo mar bhun-stèidhdon t-seirbheis a tha a’chomhairle a’ toirt dhuinn a

thaobh rianachd-sgudail agusbidh seo a’ ciallachadh gu bheila’ chomhairle air na molaidheanaig an Riaghaltas a thaobhath-chuairteachadh achoileanadh. Tha e cuideachda’ ciallachadh gu faod na h-Eileanan Siar am pàirt a ghab-hail ann a bhith a’ cuideachadhAlba gus na molaidhean aig anEuropean Landfill Directive achoileanadh.

Nuair a tha sgudal a’ tigh-inn a-steach dhan ghoireas a thaseo, sa chiad dol a-mach thastuth meatailt air a thoirt airfalbh agus tha na tha air fhà-gail a’ dol tro innealan a nì tod-har dheth. Faodaidh an stutha tha seo a bhith air a chleach-dadh ann an iomadach cruthann an iomadach àite.

Seo a’ chiad ghoireas ri-anachd-sgudail ann amBreatainn dhe sheòrsa. ‘S e“anaerobic digestion” an rud abhios a’ tachairt dhan stuth. Thaseo a’ ciallachadh gu bheil angoireas seo a’ leigeil leis an stuthorganic grodadh ann an àite sòn-raichte far nach eil oxygen sambith mun cuairt. Tha seo a’

cruthachadh meatan.Cruthachaidh am biogas a thaseo suas gu 2 mhillean kWh dechumhachd dealain. Faodaidhseo a bhith air a reic ris an lìon-radh ionadail, agus faodaidh antodhar a tha cuideachd air achruthachadh a bhith gu feumann an iomadach dòigh anns a’choimhearsnachd. Mar sin,bhon Mhàrt 2005 thèid stuthbho na cidsinean agus na gàr-raidhean aig muinntir nanEilean Siar a chruinneachadhair leth bhon sgudal àbhaisteacheile agus thèid e chun a’ ghoireisa tha seo.

Ma tha daoine airson bar-rachd fhaighinn a-mach muniomairt ùir iongantaich a tha seotha làrach-lìn ann far a bheil tu-illeadh fiosrachaidh aigwww.cne-siar.gov.uk/recycling.No faodaidh tu fòn a chur guWaste Aware Helpline aig a’Chomairle air 01851 70 9900.No carson nach gabh sibhcuairt a-mach Rathad nanLoch gus an togalach a tha seofhaicinn!

An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006 11

Mar a bhios an togalach ùr a’ coimhead nuair a bhios e deiseil

AGU/JAN/web 17/1/06 2:03 PM Page 11

Page 12: AN-DIUGH AGU/JAN/web 17/1/06 2:02 PM Page 1 - Fòram na Gàidhlig · 2011. 2. 13. · Gàidhlig na bliadhna ann an du-aisean a’ BhBC airson ceòl traidis-eanta na h-Alba. An ath

122 An Gàidheal Ùr, Am Faoilleach 2006

C

M

Y

K

AGU/JAN/web 17/1/06 2:03 PM Page 12